Eygelshoven

O Uicipeid
Eygelshoven
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Ceàrn Gemeente Kerkrade
Sgìre Limburg
Co-chomharran 50° 54 00' Tuath
06° 04 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 8,400 (2010)
Àireamh fòn (+ 31) 045[1]
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil na Sgìreachd

‘S e baile beag san sgìreachd (Duitsis: gemeente) Kerkrade, air iomall Mhaastricht, ann an ceann a deas nan Tìrean Ìsle a th' ann an Eygelshoven (Limburgs: Egelze). Tha e suidhichte faisg air na h-Aibhne Worm agus na crìochan leis A’ Ghearmailt agus A' Bheilg, ri taobh Loch Cranenweyer, 100m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: Provincie) Limburg, 179km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 156km bho Rotterdam, 73km bho Eindhoven, 179km bho Den Haag agus 73km bho Utrecht.[3] Tha 8,400 duine a' fuireach ann. Bha dà mhèinn mhòr san àite, air an robh Laura agus Julia, air ainmeach an dèidh mnathan luchd-seilbh nam mèinnean. Dhùineadh ann an 1974 iad. Chuir am bàrd Pierre Kemp tòrr bhliadhna is e ag obair na chlèireach anns na mèinnean siud.[4] A thuilleadh air sin, tha sàr eaglais bhon 16mh Linn sa bhaile agus dà sgioba ball-coise. S’ e baile fa leth a bh’ann Eygelshoven gu ruige 1982 nuair a cho-aonadh le Kerkrade e.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Utopia
  2. Falling Rain
  3. Distance Calculator
  4. De Mijnen
  5. Ad van der Meer and Onno Boonstra, Repertorium van Nederlandse gemeenten, KNAW, 2006.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]