Eilean Ruisteil

O Uicipeid
Tràigh ann an Eilean Ruisteil

'S e aon de na h-Eileanan Samhraidh a tha ann an Eilean Ruisteil (Beurla: Isle Ristol). Tha Eilean Mullagrach san àird an iar dheth. 'S e seo am fear de na h-eileanan Samhraidh a tha as faisge air mòr-thìr na h-Alba. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 2′ 39.06″ Tuath agus 5° 26′ 14.12″ Iar. Tha e suidhichte mu 19 cilemeatair san àird a thuath Ullapul ann an Taobh Siar Rois. 'S urrainnear a dhol ann le bàta à Old Dornie.

Tha e cho farsaing ri 225 heactair (0,87 mìltean ceàrnagach). Tha an t-àite as àirde cho àrd ri 71 meatair neo 233 troigh. San taobh tuath tha tràigh ann air a bheil an t-ainm: "Tràigh an t-Seann Bhaile". San àird a tuath an eilein tha Loch an Alltain Duibh, agus canar "Caolas Eilean Ristol" ris a' chaolas eadar an eilean agus Old Dornie.

Anns a' bhliadhna 1871 bha 27 daoine a' fuireach anns an eilean, ach ann an 1882 cha robh duine sam bhith ann. [1] An-diugh 's e Scottish Wildlife Trust Reserve a th' ann.[2]

Thàinig an t-ainm Eilean Ruisteil bhon Seann Lochlannais agus tha e a’ ciallachadh: Eilean le gleann eich.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Gazetteer for Scotland
  2. Scottish Wildlife Trust Reserve, Isle Ristol
  3. Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NB 973 112