B’ e dùthaich neo-eisimeileachd am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Diùcachd Württemberg (Gearmailtis: Herzogtum Württemberg) eadar 1495 agus 1806. Chaidh an Diùcachd àrdachadh gu Rìoghachd ann an 1806 nuair a ghairm Napoleon Bonaparte gur e rìgh an àite diùc a bh' ann ceannard na Diùcachd ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt.[1] B’ e Stuttgart a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha, a bharrachd air greiseagan nuair a chleachdadh Bad Urach air neo Ludwigsburg na àite.[2] B' e an Teaghlachuasal Württemberg a bha os a cionn.[3] Fhuair e ainm bho chnoc air a bheil Württemberg a tha faisg air Stuttgart.
↑Bekanntmachungen vom 26. März 1803 und vom 30. April 1803 / Kurfürstenbrief vom 21. August 1803 (abgedruckt in: August Ludwig Reyscher: Vollständige, historische und kritisch bearbeitete Sammlung der württembergischen Gesetze. Band II. 1991, S. 642ff)