Caisteal Conwy

O Uicipeid
Sealladh bhon iar air Caisteal Conwy.
Location
Location
Caisteal Conwy
Suidheachadh Caisteal Conwy anns a' Chuimrigh

'S e caisteal ann an Conwy, a' Chuimrigh a th' ann an Caisteal Conwy (Cuimris: Castell Conwy; Beurla: Conwy Castle). Chaidh a thogail anns na Meadhan aoisean le Èideard I Shasainn eadar 1283 is 1289[1] nuair a thog Èideard smachd air a' Chuimrigh.

Aig àm a' chogaidh shìobhalta ann an Sasainn (1642 - 1646) fhuair luchd-leantainn Teàrlach I smachd air a' chaisteal. Nuair a bha an cogadh seachad, chaidh an caisteal a sgriosadh leis an riaghaltas, gus nach b' urrainn duine sam bith a chleachdadh san àm ri teachd. Ann an 1665 bha e air sgriosadh gur tùr,[1] chaidh na rudan luachmhor, mar eisimpleir na pìosan iarainn a thoirt air falbh le muinntir an àite.

Anns an 18mh is 19mh linn nochd an caisteal air dealbhan luchd-ealain agus thòisich luchd-turais a thadhail air a' chaisteal. Bho 1986 a-mach tha inbhe Làrach Dualchas na Cruinne aige.[2] An-diugh tha an caisteal fo chùram Cadw, buidheann Làraichean Eachdraidheil na Cuimrigh. Ann an 2010 thàinig 186,897 luchd-turais gus coimhead air a' chaisteal agus ann an 2012 chaidh ionad fiosrachaidh ùr a thogail. [3][4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Ashbee, Jeremy (2010): “The King's Accommodation at his Castles”, The Impact of Edwardian Castles in Wales. Oxbow Books, td. 14, 72–84. ISBN 978-1-84217-380-0. 
  2. Liosta UNESCO. A tarraing air 7.8.2010.
  3. Attractions Industry News”. Association of Leading Visitor Attractions. Air a thogail 12mh dhen t-Sultain 2012.
  4. Gwynedd Destination and Marketing Audit”. Gwynedd Council. Air a thogail 12mh dhen t-Sultain 2012.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: