Bìoras

O Uicipeid
Coròna-bhìoras SARS-COV-2

'S e an seòrsa as lugha de mheanbhag a tha ann am bìoras. Chan eil ach stuth ginteil, còta-dìona air a bheil capsid agus 's dòcha cèis anns a bheil spìcean ann agus feumaidh iad ceallan beò airson ath-ghintinn.[1]

Chaidh bìorasan a lorg anns na 1890an. Bha Dmitri Ivanovski anns an Ruis agus Martinus Beijerinck a' rannsachadh galar maoiseach anns an tomàto. Lorg Ivanovski gur e urrainn don rud a bha ag adhbharachadh a' ghalair a dhol tro sìolachan nach do leig bacteria a-steach. Dhearbh Beijerinck nach do lean an lionn ri agar, mar bhacteria, agus gun do dh'fheum an lionn stuth beò airson ath-ghintinn. Dh'ainmich e an lionn contagium vivum fluidum no dìreach virus. Ann an 1929 dhearbh Francis Holmes gun robh mìrean anns an lionn seo ag adhbharachadh a' ghalair agus ann an 1935 rinn Wendell Stanley criostalan bhon mìrean is chaidh na criostalan seo a chleachdadh airson structar a' bhìoras obraich a-mach.[2]

Tha rannsaichean eòlach air barrachd air 9000 seòrsachan de bhìoras. Tha iad a' seòrsachadh bìorasan ann an sia flaitheasan:

  • Riboviria, am flaitheas as cumanta, a tha a' cleachdadh beirmear RNA airson ath-ghintinn. 'S e eisimpleir de Riboviria a tha ann an SARS-COV-2
  • Duplodnaviria, a tha a' cleachdadh dà dhual DNA, mar eisimpleir na herpes-bhìorasan
  • Monodnaviria, bìorasan DNA aig a bheil aon dual, mar eisimpleir na papilloma-bhìorasan
  • Varidnaviria
  • Adnaviria
  • Ribozyviria

Ged a tha sinnsear cumanta aig a h-uile fàs-bheart, tha bhìoras-eòlaichean a' smaointinn gun do nochd flaitheasan na bhìorasan seo gu neo-eisimeileach.[3]

Galaran[deasaich | deasaich an tùs]

Tha bìorasan ag adhbharachadh mòran ghalaran, mar eisimpleir an cnatan, a' ghriùthlach, Ebola, an cnatan mòr, polio, an galar breac, a' bhreac-òtraich, a' phlàigh-dhubh, a' phlàigh-uaine, chikungunya, Zika, AIDS agus COVID-19.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Viruses | What is microbiology?”. Microbiology Society. Air a thogail 24mh dhen t-Sultain 2021.
  2. Machemer, Theresa (20mh dhen Mhàrt 2020): “How a Few Sick Tobacco Plants Led Scientists to Unravel the Truth About Viruses”. Smithsonian Magazine. Air a thogail 24mh dhen t-Sultain 2021.
  3. Dance, Amber (30mh dhen Ògmhios 2021): “Beyond coronavirus: the virus discoveries transforming biology,” ann an: Nature, leabhar 595, td. 22–25. doi:10.1038/d41586-021-01749-7.