Bàrdachd Ghàidhlig

O Uicipeid

13mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

15mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

16mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

17mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

18mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart

Anns an 18mh linn, bha cuid de bhàird na Gàidhlig an sàs ann an Ar-a-mach nan Seumasach, leithid Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair agus Iain Ruaidh Stiùbhairt, a rinn strì an aghaidh arm Phrionnsa Theàrlaich Stiùbhairt. Sgrìobh Rob Donn MacAoidh bàrdachd mu dhèidhinn nan daoine is nan tachartasan anns a' bhaile far an robh e a' fuireach, agus òrain a tha fhathast gan seinn san latha an-diugh. Tha Uilleam Ros gu h-àraidh ainmeil airson a chuid bàrdachd gaoil. 'S e bàrd spioradail a bh' ann an Dùghall Bochanan, a sgrìobh dàin diadhaidh is leabhar-latha a' chunntais-beatha is iompachaidh chràbhaich. Tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ainmeil airson a bhàrdachd nàdarrach, mar eisimpleir 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' neo 'Moladh Beinn Dòbhrain'.

Bàird ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

19mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Boraraig, am baile a chaidh fhalmhachadh an 1851

Anns an 19mh linn, bha tèamannan eilthireachd, fuadaichean is atharrachaidhean sòisealta gu math pailt ann am bàrdachd na Gàidhlig. Bha Màiri Mhòr nan Òran an sàs ann an Còmhstri an Fhearainn, is sgrìobh i tòrr airson na croitearan a bhrosnachadh. Rinn bàrdachd Uilleim MhicDhunlèibhe iomradh seann eachdraidh na h-Alba, air na fuadaichean agus tachartasan co-aimsireil eile.

Bha Niall MacLeòid à Gleann Dail ainmeil mar ùghdar nan òran binne, mu dhèidhinn gaoil, Eilein Sgitheanaich agus cianalais, leithid 'An Gleann San Robh Mi Òg'.

Bàird ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

20mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an 20mh linn, thòisich iomairt ùr ann am bàrdachd na Gàidhlig, nua-bhàrdachd, le cuspairean is dòighean-sgrìobhaidh ùr-nòsach.

Bha na bàird, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn agus Dòmhnall MacAmhlaigh nam measg, agus fhathast a' sgrìobhadh mu dhèidhinn na h-àiteachan far an do rugadh is thogadh iad, ach ann an dòigh ùr is toinnte. 'B e cosgadh cuspair cudromach do na nua-bhàird, cuideachd. Nochd Cogadh Sìobhalta na Spàinne an an sgrìobhadh Shomhairle MhicGill-Eain agus An Dàrna Cogadh ann an sgrìobhadh MhicGill-Eain is Dheòrsa Mhic Iain Dheòrsa.

Ann an 1943, nochd a' chiad leabhar le Somhairle MacGill-Eain, Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, ann an clò, is 's e aon de na leabhraichean Gàidhlig as cudromaiche ann an 20mh linn. 'S e 'Hallaig' (1954, Gairm) le MacGill-Eain, mu dhèidhinn baile fuadaichte ann an Ratharsair, aon de na dàin Gàidhlig as ainmeile a chaidh riamh a sgrìobhadh.

A thaobh nua-bhàrdachd is litreachas Gàidhlig anns an fharsaingeachd, bha Gairm, iris ràitheil Gàidhlig, air leth cudromach. Chaidh Gairm stèidheachadh ann an 1952 le Ruaraidh MacThòmais is Fionnlagh J. MacDhòmhnaill, is bha Ruaraidh MacThòmais na neach-deasachaidh airson 50 bliadhna eile.

Thàinig an linn seo gu crìoch le duanaire ùr ann an 1991, a dheasaich Crìsdean MacIlleBhàin is a chruinnich, son a' chiad uair na bàird as cliùitiche a shoirbhich às dèidh foillseachadh Nua-Bhàrdachd na Gàidhlig. Am measg bàird An Aghaidh na Sìorraidheachd, bha Aonghas Mac Neacail, Maoilios Caimbeul, Fearghas MacFhionnlaigh is Meg Bateman. Dheasaich Raghnall MacIlleDhuibh duanaire a ghabh a-steach bàrdachd na linne air fad is dithis bhàrd nach robh ann an An Aghaidh na Sìorraidheachd; Aonghas Phàdraig Caimbeul is Rody Gorman.

Bàird ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Aonghas Dubh MacNeacail aig Feile na Greine, Tech Amergin, Waterville, Contae Chiarraí.

21mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhoillsich corr is aonan bhàrd air fhichead cruinneachadh ùr de bhàrdachd Ghàidhlig às dèidh 2000. B' iad Aonghas MacNeacail, Meg Bateman, Maoilios Caimbeul is Crìsdean MacIlleBhàin a lean orra an cuid bàrdachd fhoillseachadh thar deireadh an fhicheadamh linn, an taca ri Aonghas Pàdraig Caimbeul is Rody Gorman a choisinn cliù ann an Alba is dùthchannan eile.

Anns na 2010an thàinig triùir ùr am bàrr aig a bheil a' bhuaidh as motha air blas bàrdachd ùr na linne: Pàdraig MacAoidh, Niall O' Gallagher is Marcas Mac an Tuairneir, a tha air dà chruinneachadh fhoillseachadh, gach fear, gu ruige 2017. Chaidh ciad chruinneachaidhean fhoillseachadh aig an sgrìobhadair ruisg, Màrtainn Mac an t-Saoir is a' bhan-òranaiche Sandaidh NicDhòmhnaill Jones.

Chunnaicear foillseachadh bàrdachd baile, cuideachd, le cruinneachaidhean sgrìobhte aig Flòraidh NicPhàil is Dòmhnall E. Meek, am measg bhàrd eile.

Bàird ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Duanairean de bhàrdachd Ghaidhealach[deasaich | deasaich an tùs]

19mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

20mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]