Bodach Stòrr

O Uicipeid
Bodach Stòrr

'S e stac-mara a tha ann am Bodach Stòrr (Beurla: Old Man of Stoer).[1] Tha e mu 60 meatair (197 troigh) a dh'àird agus tha e à clach-ghainmhich Thoirbheartanach. Tha e suidhichte beagan san ear-dheas air Rudha Stòir agus mu leth-mhìle air falbh san àirde an iar-thuath a’ Chùl-cinn. Tha a' bheinn Sidhean Mor faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 15′ 39.51″ Tuath agus 5° 22′ 57.76″ Iar. Tha slighe a' leantainn chun an staic bhon taigh-solais Ru Stoer.

Tha Bodach Stòrr ainmeil a-measg an luchd-sreap. Chan urrainnear an stac a ruigsinn ach ma bhios a’ mhuir air falbh. Tha na fulmairean (Fulmarus glacialis) cunnartach don luchd-sreap ma thèid iad ro fhaisg orra. Chithear fàsgadairean (Stercorarius parasiticus) agus fithich an seo cuideachd.

Anns na 1990an rinneadh sreath telebhisean mu shreap agus teasairginn bheanntan an seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Stòr-dàta SMO

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: