Björt framtíð

O Uicipeid
Björt framtíð
Fiosrachadh
Stèidheachadh 4 an Gearran 2012
Luchd-stèidheachaidh Guðmundur Steingrímsson, Róbert Marshall
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas, Àrainneachd, An t-Aonadh Eòrpach
Oifisean Austurstræti 8–10 Reykjavík
Cathraiche Björt Ólafsdóttir
Suidheachain 0
Riaghaltas Chan eil

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs Libearalach, an àrainneachd agus an An t-Aonadh Eòrpach 's a th' ann am Björt framtíð (Gàidhlig: Teachd Soilleir). Cha deach a stèidheachadh ach air 4 an Gearran 2012,[1] nuair a sgarr feadhainn bho Shamfylkingin agus Framsóknarflokkurinn. Chan eil riochdaire no riochdaire aige san Alþingi (pàrlamaid) a-nis.[2] 'S e pàrtaidh a tha gu làidir airson an Aonaidh Eòrpaich.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Guðmundur Steingrímsson a thaghadh mar thagraiche airson Framsóknarflokkurinn anns an Alþingi, ach dh' fhàg e am pàrtaidh sin air sàilleabh dhiofaran mun Aonadh Eòrpach. Ann an 2012 stèidhich esan Björt framtíð còmhla ri Besti flokkurinn (Pàrtaidh as Fheàrr), a bha soirbheachail air ìre ionadail ann an Reykjavík fhèin, agus aig an robh na h-aon litrichean tòiseachaidh le BF. Chaidh am pàrtaidh ùr a stèidheachadh airson pàirt a ghabhail ann an taghadh coitcheann Innise Tìle ann an 2013.

Anns an taghadh coitcheann sa bhlaidhna sin, fhuair am pàrtaidh 8.2% nam bhòtaichean agus ghluais iad a-steach dhan Alþingi le sianar riochairean. Anns an taghadh tràth ann an 2016, fhuair Björt framtíð 7.2% den bhòt, leis an robh am pàrtaidh fhathast a' cumail ceithir seataichean anns an Alþingi. Bho 2017, bha iad an sàs ann an riaghaltas co-bhanntachd anns an robh Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd, Viðreisn agus Björt framtíð fhèin. Bhuineadh dà àite ann an caibineat Bhjarni Bhenediktsson do Óttarr Proppé (slàinte) agus Björt Ólafsdóttir (àrainneachd agus goireasan nàdurrach), an dithis nan riochdaire Bhjört framtíð.

San t-Sultain 2017 thuirt Björt framtíð gum fàgadh iad an co-bhanntachd. Mar thoradh air an sin, bhris caibineat Bhjarni Bhenediktsson agus chaidh taghadh tràth a dhèanamh. Anns an taghadh seo, cha d' fhuair Björt framtíð ach 1.22% den bhòt agus mar sin chailleadh a h-uile seatr acac san Alþingi. Leig Óttarr Proppé dheth a dhreuchd mar chathraiche a' phàrtaidh, is e an neach-ionaid aige Björt Ólafsdóttir.

Taghaidhean dhan Alþingi[deasaich | deasaich an tùs]

B' ann ann an 2013 's a bha Björt framtíð na bu shoirbheachaile a thaobh bhòtaichean,[3] ged an robh iad anns an riaghaltas ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn agus Viðreisn eadar 2016 agus 2017.[4]

Bliadhna Bhòtaichean % Seataichean
2013 15,583 8.25 6
2016 13,578 7.2 4
2017 2,394 1.2 0

Cathraichean[deasaich | deasaich an tùs]

Ainm Bliadhnaichean
Guðmundur Steingrímsson 2012–2015
Óttarr Proppé 2015–17
Björt Ólafsdóttir 2017–

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Parties and Elections
  3. Stjórnarrað ĺslands
  4. La Tribune
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: