Björn Jónsson

O Uicipeid
Björn Jónsson
Ball an Alþingi


Prìomh-mhinistear Innise Tìle

31 dhen Mhàrt 1909 - 14 dhen Mhàrt 1911
Hannes Þórður Pétursson Hafstein - Kristján Jónsson
Beatha
Breith 8 dhen Dàmhair 1846
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs 24 dhen t-Samhain 1912
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-naidheachd
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)

B' e neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann am Björn Jónsson.[1] Rugadh e air 8 an Dàmhair 1846 ann an croit air a bheil Djúpidalur (Vestfirðir). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1878 agus bha e na labhraiche ann an 1909. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1909 gu ruige 1911 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Phòs e aig Elísabet Guðný Sveinsdóttir ann an 1874 agus fhuair iad ceathrar duine cloinne còmhla.[2] Rinn e aon rud fa leth cudromach fhad 's a bha e os cionn an riaghaltais: Achd Toirmeasg Dighe-làidir, a mhair gu ruige 1934. Dheasaicheadh e iomadh pàipear-naidheachd fad bliadhnaichean: Skírnir (18731874), Ísafold (1874 – 1909), Alþingistíðindi (1879 agus 18831895), Iðunn (18841889), Þingvallafundartíðindi (1888), Heimilisblaðið (18941896), Sunnanfari (19001903), Magni (1912). Bu cho dlùth an dàimh a bh' ann eadar Jónsson agus pàipear-naidheachd Ísafold gun cuireadh na far-ainmean Björn í Ísafold agus Ísafoldar-Björn airsan.[3] B' e a mhac Sveinn Björnsson a bh' ann a' chiad cheann-suidhe na dùthcha ann an 1944, nuair a ghabh Innis Tìle leis a' Phoblachd. Chaochail Jónsson ann an Reykjavík air 24 an t-Samhain 1912.[4]

Caibineit Jónsson[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Íslendingaþrættir
  3. «Jónsson, Bjørn», Arbeidernes leksikon bind IV, Arbeidermagasinets forlag (1934)
  4. Tölublaðið

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Ro-theachdair:
Hannes Þórður Pétursson Hafstein
(1909)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Kristján Jónsson
(1911)