Biadh meadhan-latha

O Uicipeid

Thathas a` cantainn biadh meadhan-latha no biadh-nòin ris an tràth-bìdh seo. Tha ainmean mar lòn, loindse, diathad air an cleachdadh cuideachd, a-rèir dè seorsa tràth a thathas a` gabhail. Faodaidh “diathad” a bhith a` ciallachadh “dìnnear” no “biadh an fheasgair”, air a bheil “biadh feasgair” cuideachd. Mar an ceudna, gheibhear “biadh na maidne” no “biadh madainn”.

B`e biadh meadhan-latha an tràth-bìdh a bu mhotha san latha air feadh Alba aig aon àm; agus mar sin dheth, bhathas a` cantainn diathad air ann an cuid a cheàrnaidhean, mar Siorrachd Rois an Iar. Tha biadh meadhan-latha fhathast na thràth-bìdh as motha aig mòran daoine, gu h-àraid daoine aosta, agus teaghlaichean tuathanaich air a' Ghàidhealtachd `s ann an ceàrnaidhean dùthchail eile na h-Alba.

Anns an latha a tha ann, tha tuilleadh daoine a` gabhail biadh beag aotrom mar cheapairean, no sailead, no ge b`e dè a th`ann; gu h-àraid anns na bailtean mòra far nach eil an t-uabhas tìde aig daoine, teaghlaichean no luchd-obrach, tràth mòr a ghabhail. Chan eil rian nach bi còrr is còrr daoine ann an Alba a` gabhail biadh beag aotrom mar sin, na tha a` gabhail biadh mòr, air sgàth astar luath am beatha làitheil.

Buinidh am facal “lòn” do linn nan Gàidheal bho shean, far nach robh ach aon tràth san latha. Thathas ga cleachdadh uaireannan airson biadh meadhan-latha, mar eisimpleir: air a' chlàr-bìdh ann an taigh-còcaire na colaiste Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanaich.

Tha am facal “loindse” a` tighinn bhon Bheurla, “lunch”.