Berkenbrück

O Uicipeid
Berkenbrück
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Oder-Spree
Sgìre Brandenburg
Co-chomharran 51° 21' 00' Tuath
14° 09' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 71.85 km²
Àireamh-shluaigh 972 (2013)
Dlùths 13.53/km²
Àireamh fòn 033634
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile beag air an àirde an ear na Gearmailt a th’ ann am Berkenbrück (IPA: bɛrkɛnbrʏk, Ainm slàn: Berkenbrück-Spree). 'S ann à birke (beithe) agus brücke (drochaid) anns a' Ghearmailtis a tha an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1285 mar Birkenbrücke.[1] Chaidh loidhne rèile a thogail tron bhaile ann an 1842 agus fhuair e stèisean ann an 1859. Thogadh Autobahn ann an 1936,[2] a rachadh bho Bherlin gu Frankurt-Oder. Dh'fhuirich an sgrìobhadair Hans Fallada an seo fad greis ann an 1932.[3] Tha Berkenbrück suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara dìreach ri taobh na h-Aibhne Spree,[4] anns an stàit Brandenburg, 147km air falbh bho Dresden, 66km bho Bherlin 166km bho Leipzig, 101km bho Mhagdeburg agus 27km air falbh bho na crìochan leis A' Phòlainn.[5] Tha am baile a' buntainn don cheàrn (Gearmailtis: Kreis) Oder-Spree agus tha 972 duine a' fuireach ann.[6]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Amt Odervorland
  2. Strecke 46
  3. Märkische Online Zeitung
  4. Mapawi
  5. Luftlinie
  6. Statistik Nord

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]