Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain

O Uicipeid
Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain
Svensk-norska unionen
Den svensk-norske union
 
 
18141905  
 
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1814
Bliadhna mu Dheireadh 1905
Prìomh-Bhaile Stockholm agus Kristiania
Càna(i)n Oifigeil Danmhairgis, Nirribhis, Suainis
Farsaingeachd 774,184 km2
Àireamh-shluaigh 7,560,000 (1905)
Dlùths 9.77/km2

B' e stàit air a stèidheachadh air aonadh pearsanta an Rìgh a bh' anns an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain (Nirribhis: Den svensk-norske union,[1] Suainis: Svensk-norska unionen[2]). Chaidh a chruthachadh ann an 1814 tro aonadh Rìoghachd Nirribhidh agus Rìoghachd na Suaine. Chruthachadh Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain air sàilleabh gun do bhris dlùth dhàimh a bha aig Nirribhidh leis An Danmhairg, leis gu robh An Danmhairg ann an caidreachas leis An Fhraing, fo bhuaidh Napoleon Bonaparte.[3] Chaidh polasaidhean nan Dùthchannan Cèin air a stiùireadh bho Stockholm, ach bha a h-uile càil eile air a rèiteachadh fa leth, fiù 's an t-Arm. Bhris an t-Aonadh a-mach às a chèile ann an 1905 mu dheireadh thall, air sàilleabh gu robh Nirribhidh dhen bheachd nach b' e deagh làimhseachadh a bha iad a' faighinn bhon t-Suain.[4] Fhuair Nirribhidh cuideachadh bho luchd-poileataigs na làimhe chlì anns an t-Suain, mar Klas Pontus Arnoldson agus Hjalmar Branting - a bhuannaich an Duais Nobel airson Sìthe. Le sin, chaidh cogadh a sheachnadh.[5]

Rìghrean an Aonaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Karl VIII na Suaine/Karl II Nirribhidh (1814 - 1808)
  • Karl XIV Johan na Suaine/Karl III Johan Nirribhidh (1818 - 1844)
  • Oscar I na Suaine agus Nirribhidh (1844 - 1859)
  • Karl XV na Suaine/Karl IV Nirribhidh (1859 - 1872)
  • Oscar II na Suaine agus Nirribhidh (1872 - 1905)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1814 – Det selvstendige Norges fødsel(Nirribhis). Store Norske Leksikon. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2016.
  2. svensk–norska unionen(Suainis). NE Nationalencyclopedin AB. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2016.
  3. Rummet
  4. Aftonbladet
  5. Norge