An t-Ath-Leasachadh

O Uicipeid
Màrtainn Lùtair

B’ e an t-Ath-Leasachadh (Laideann: Reformatio) an t-àm nuair a chaidh beachdan agus teagasg nan eaglaisean Pròstanach a stèidheachadh agus iad a' briseadh air falbh bhon an eaglais Chaitligich. Thòisich an gluasad Pròstanach le daoine ag iarraidh atharraichean fhaicinn anns an Eaglais Chaitligich ann an taobh an Iar na Roinn Eòrpa. Thòisich an t-Ath-Leasachadh ann an Sagsainn-Anhalt le Màrtainn Lùtair agus 95 argamaidean a chuir e air adhart ris an eaglais ann an cruth bileag-iarrtais a chaidh a stopadh air doras Eaglais a' Chaisteil ann am Wittenberg aig deireadh an Dàmhair sa bhliadhna 1517.

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Suidheachadh poileataigeach[deasaich | deasaich an tùs]

Aig toiseach den 16mh linn bha Ìompaireachd Naomh Ròmanach nan Gearmailteach briste ann an mòran sgìrean beaga. Bha “Reichfürst” anns gach sgìre, duine uaisle a bha na uachdaran. Bha an t-Ìompaire Teàrlach V a’ crochadh air a’ chumhachd a bha aca. Ach bha Teàrlach V trang anns an Spàinnt, anns an Olaind agus anns an Eadailt cuideachd, agus bha cogadh ann an aghaidh nam Frangach agus nan Tuirceach.

Suidheachadh sòisealta[deasaich | deasaich an tùs]

Aig an aon àm thàinig tòrr atharrachaidhean:

  • Teicneolas ùr, m.e: inneal clò-bhualadh aig Johannes Gutenberg
  • Sealladh ùr air an t-saoghal, m.e.: Thuirt Nicolaus Copernicus gur i a’ ghrian meadhan an speur
  • Beachdan ùra, m.e.: Bha William of Ockham den bheachd gu bheil inntinn shaor aig gach neach air leth an àite lagh Dhè agus gum biodh e na b' fheàrr nam biodh dealachadh eadar an eaglais agus an stàit ann.

Suidheachadh am broinn na h-eaglaise[deasaich | deasaich an tùs]

Bha an t-eagal air na daoine àbhaisteach ro na ministearan agus na peanasan aca. Ach aig an aon àm chaidh a’ mhoraltachd anns an eaglais sìos. M. e. B’ urrainn do na h-easbaigean an dreuchd aca a cheannachd, neo fhuair iad i tro dhìleab. Mar sin bha feum aca ri airgead fhaighinn airson an dòigh beatha comhfhurtail a chumail an àite cuideachadh a thoirt do na daoine bochda. Mar sin bha sunnd aig na daoine an aghaidh na h-eaglaise.

Litir-logadh

Bha feum aig a’ Phàpa air airgead fhaighinn cuideachd airson àrd-eaglais na Ròimhe ùr a thogail. Mar sin dh’fhàs a’ mhalairt le litrichean-loghadh uabhasach cudthromach: B’ urrainnear litir-loghadh a cheannachd airson mathanas fhaighean airson nam mearachdan a rinneadh. Bha ministearan a’ siubhal air feadh na dùthcha gan reic. Dh’fhàs iad ainmeil tron t-sanas: Ma bhios an t-airgead a’ gliogadaich anns a’ bhocsa, bidh an t-anam a’ leum às a’ phurgadair.

Bun-bheachdan Mhàrtainn Lùtair[deasaich | deasaich an tùs]

Na 95 argamaidean Lùtair

B’ e sin an t-àm far an do sgrìobh Màrtainn Lùtair na 95 argamaidean mar dheasbad diadhaireachd. Seo na bun-bheachdan a bha aige:

  • sola scriptura: 'S e am Bìoball a-mhàin bonn a’ chreideimh Crìosdail.
  • solus Christus: Tha an cumhachd os cionn an luchd creideamh aig Dia a-mhàin.
  • sola gratia: Tro thròcairean Dhè a-mhàin bidh na daoine sàbhailte.
  • sola fide: Bidh na daoine barrantach tron chreideamh a-mhàin.

Buil[deasaich | deasaich an tùs]

Anns a’ Ghearmailt[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am foillseachadh tron chlò-bhualadh ùr gu math luath eadar a h-uile duine. O chionn ’s gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuadhachadh, chleachd iad na h-argamaidean Lùtair airson an eaglais fhàgail. Theich mòran mhanachan agus cailleachan dubha às na manachainnean cuideachd. Cha robh na Reichfürsten deònach airgead a phàigheadh don Phàpa tuilleadh. Mar sin chaidh iad uile ri chèile airson eaglais nuadh a stèidheachadh ris an cante Eaglais Phròstanach. Thàinig an t-ainm bhon fhacal Ghearmailteach „Protest“ a tha a’ ciallachadh casaid, gearan.

Ach bha an t-Ìompaire trang anns a’ chogadh an aghaidh nan Tuirceach. Nuair a chunnaic e, dè bha a’ tachairt anns a' Ghearmailt, bha e ro fhadalach. Bha cogadh ann eadar sgìrean Caitligeach agus sgìrean Pròstanach air feadh na Gearmailt. O chionn ’s gun robh e a’ crochadh na daoine uaisle, thàinig lagh ùr: „wessen Land, dessen Glaube “. B’ e sin a’ ciallachadh: Nan robh creideamh Pròstanach aig an duine uaisle, b’ fheudar a h-uile duine anns an sgìre aige a bhith nan Pròstanaich cuideachd. Ach b’ e sin an t-adhbhar airson „cogadh airson 30 bliadhna“ 100 bliadhna an-dèidh sin.

Gu mì-fhortanach chleachd Thomas Müntzer na beachdan Mhàrtainn Lùtair airson saorsachd a thoirt do na tuathanaich. Rinn iad ùpraid ann an tòrr àiteachan, gus an robh an Bauernkrieg ann (cogadh-tuathanaich 1524-25).

Anns an Roinn Eòrpa[deasaich | deasaich an tùs]

Chleachd daoine eile anns an Roinn Eòrpa na beachdan Lùtair airson eaglaisean ùra a stèidheachadh cuideachd, m.e. Huldrych Zwingli às an Eilbheis (Reformed Churches) neo Calvin às an Fhraing (Calvinism). Chaidh na Anglican Churches a stèidheachadh ann an Sasainn. Bha iad gu math làidir ann an Lublin (a' Phòlainn).

Mu dheireadh thall bha Council of Trent (1546-1563) anns an eaglais Chaitligich, le atharrachaidhean am broinn na h-eaglaise. Ach bha e ro fhadalach. Bhon uair sin bha eaglais Chaitligeach agus eaglais Phròstanach ann. B’ e sin an t-àm, nuair a chaill an eaglais an cumhachd air an luchd-creideamh. Thòisich na stàitean air an eaglais fhàgail.