Am Parbh

O Uicipeid

Co-chomharran: 58°37′29″N 5°00′05″W / 58.6248°N 5.0015°W / 58.6248; -5.0015

Am Parbh

Is e rubha ann an Cataibh a tha anns am Parbh no an Carbh.[1] 'S e àite fo dhìon sònraichte a th' ann air sgàth 's gu bheil 50000 eòin-mara, buthaidean, coltraichean (Alca torda), eòin dubha an sgadain (Uria aalge), seagairean (Rissa tridactyla) agus eòin chrom a' neadachadh an sin.[2] Thog Robert Stevenson taigh-solais air ann an 1828.[3]

Tha am Parbh aig Ministreachd an Dìon agus tha iad ga chleachdadh airson trèanaidh.[4]

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Tha rathad a' ceangal am Parbh ris an aiseag Caolas Diùranais. Chaidh an rathad a thogail còmhla ris an taigh-solais. Tha e cuideachd comasach am Parbh a ruigsinn air chas-cheum o am Blàr Mòr.[4] Ann an 2019 bha an rathad ann an droch stàit agus a rèir Scottish Athletics cha b' e rèis rathaid a bha ann am Maraton a' Phairbh.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Cape Wrath/Am Parbh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
  2. SPA Description: Cape Wrath”. Co-chomataidh Glèidhteachas Nàdair. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
  3. Northern Lighthouse Board - Cape Wrath”. Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
  4. 4.0 4.1 Public access to military areas”. Ministreachd an Dìon. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
  5. Highland marathon no longer a marathon due to bizarre reason”, The Press and Journal. 25mh dhen Mhàrt 2019. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.