Akranes

O Uicipeid
Akranes
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Vesturland
Co-chomharran 64° 18' 56 Tuath
22° 5' 17 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9 km²
Àireamh-shluaigh 7,411 (2019)
Dlùths 823.44/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile agus port air an àirde an iar Innis Tìle a th' ann an Akranes (IPA: aːkraˌnɛːs).[1] Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, dìreach aig ìre na mara,[2] san roinn Vesturland (Roinn an Iar), ri taobh an Loch Mara Hvalfjöður, 350km air falbh bho Akureyri agus 90km bho Selfoss.[3] Tha 7,411 duine a' fuireach sa bhaile.[4] 'S e an seachdamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður, Akureyri, Garðabær agus Mosfellsbær a th' ann an Akranes. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[5]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Akranes a chlàradh airson a'chiad turais anns 15mh caibideil dhen Landnámabók anns an 9mh linn, nuair a ràinig fear air an robh Þormóður (Gàidhlig: Tormod) à Èirinn.[6] Anns na meadhan-aoisean suas gu 1602 bha ionad-malairt aig an Hansa anns a' Bhàgh Krossvík.[7] Anns an 19mh linn, thòisich tuineachaidhean bailteil a' tighinn timcheall air seòladh mara agus a' malairt air rubha na luinge an ear air an rubha. Ann an 1885, chaidh co-dhùnadh an Akraneshreppi a roinn ann an dà leth air sgàth ùidhean eadar-dhealaichte sgìrean bailteil agus dùthchail. Thàinig e gu bhith na bhaile làn bhùthan airson na sgìre air fad. Fhuair Akranes a chuid chòirichean ann an 1942. Tha taigh-gnìomhachais saimeant anns a' bhaile, a tha air a bhith ag obair o na 60an agus ann an Grundartangi astar goirid bhon bhaile tha leaghadair a tha air a bhith ag obair bho 1998. Chaidh an tunail Hvalfjarðar (Innis Tìlis: Hvalfjarðargöngin) a stèidheachadh ann an 1998, a tha na phrìomh dhòigh còmhdhail airson Akranes agus ghiorraich e gu mòr an t-slighe gu Reykjavik.

Freumh-fhaclachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Rubha an Achaidh sa chànan aca, bho Akar (Achadh) agus Ness (Rubha).

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iceland Road Guide
  2. Falling Rain
  3. Global Feed Distance Calculator
  4. Hagstofa Íslands
  5. Alþingi
  6. Snerpa
  7. Íslandshandbókin. Náttúra, saga og sérkenni. 1. bindi. Hg. T. Einarsson, H. Magnússon. Örn og Örlygur, Reykjavík 1989, 100
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: