Acair Earranta

O Uicipeid
Logo aig Acair
Logo aig Acair

'S e buidheann foillseachaidh a tha ann an Acair Earranta. Foillsichidh Acair leabhraichean ann an Gàidhlig, Beurla agus leabhraichean dà-chànanach.

Tha e stèidhichte ann an Steòrnabhagh, Leòdhas.

Dh'fhoillsich Acair iomadh leabhar cloinne agus bidh sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba gan cleachdadh. Bidh Acair cuideachd a' foillseachadh leabhraichean do dh'inbhich air iomadach cuspair: bàrdachd, aistean, òrain, dealbh-chluichean, dannsa, creideamh, eachdraidh neo cultar is dòigh-beatha na Gàidhealtachd. Cuideachd, tha Acair a' foillseachadh leabhraichean Beurla air cuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus ris a’ Ghàidhealtachd.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich e mar phàirt de Phròiseact Dà-chànanch nan Eileanan Siar ann an 1976.[1] 'S e Call na h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach a' chiad leabhar a dh'fhoillsich Acair ann an 1979.[2]

Sgrìobhadairean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh le Acair[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Cò Sinn?”. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2017.
  2. Cuairtlitir. An Giblean 1979. (Inbhir Nis: An Comunn Gàidhealach), d.4.