An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Fìobha"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: it:Fife
Loidhne 38: Loidhne 38:
[[es:Fife]]
[[es:Fife]]
[[fr:Fife (Écosse)]]
[[fr:Fife (Écosse)]]
[[it:Fife]]
[[lt:Faifas]]
[[lt:Faifas]]
[[nl:Fife]]
[[nl:Fife]]

Mùthadh on 01:29, 9 dhen Dàmhair 2007

Se roinn arsaidh agus siorrachd traidiseanta na h-Alba a tha ann am Fìobha. Is e "Rìoghachd Fìobha" (Kingdom of Fife) farainm a tha air, o chionns gu bheil (neo gu robh) gach ni a bhiodh aig rioghachd neo-eisimileach ri lorg taobh a-steachd a criochan. Tha muir is beanntan aige comhla le talamh aiteachas meinnearan agus gniomhacasan ghiollachais.


Cruth na Tire

Tha oir na mara a sineadh bho Rosyth air an Linne Dubh, tro Cille Rimhinn air an Ear gu Tayport agus Obair Nethaidh air bruaich deas na Tatha. Tha calan le cidhean-luing aig Cathair Caldaidh agus an Eilean Loisgte, tha aireamh de bailtean iasgaidh, na measg Crail agus Anstruther air an oir deas

B'e Cupar priomh baile na Fiobha. Bha Malairt Arbhair an seo. Is e talla poblach a tha anns an togalach anns an latha an diugh.

Bha Cille Rimhinn le a Chaisteal agus Oilthigh Chill Rìmhinn na phort cudthromach re na meadhan aoisean. Anns a' bhaile seo tha Sraid Earra Ghaidheil a' comharrachadh chun latha an diugh far an robh an cearnag Gaidhealach de'n bhaile anns an linn sin.

Tha tur-cruinne, de linn na h-Eaglais Ceilteach agus 24m anns an aird anns an cladh aig Obair Neathaidh.

Is e Beinn Loman am beann as airde ann an Fiobha. Is beinn bhoidheach a tha innte ged nach eil a mullach fiu's 2000 troigh os cionn barr na mara.

Gniomhacasan

Tha aiteachais na roinn gniomhacais cudthromach do eaconomaidh na Fiobha. Tha talamh beartach an meadhan na Fiobha, agus tha muilean coirce a chruthachas bleideagan-bhrochan (Scott's Porridge Oats) aig Cupar. Tha an taigh-staile a thogas an t-uisge bheatha shile-singilte, "Stewarts Cream of the Barley" aig agus tha taigh-staile a thogas malt-singilte aig Springfield. Bha muilnean paipear aig Markinch agus Drochaid-Gèaird.

Tha gniomhacasan giollachais air treigsinn Fiobha gu ire mhor re an trichead bliadhna a chaidh, ach bha obraichean saluinn air an oir deas bho'n 18mh linn, nuair a chaidh a' chiad leasachadh air an Raon Guail Fiobhach. Bho meadhan an 19mh linn, nuair a fhosgail James Williamson a Lancaster, Muileann Linoleum ann an Cathair-Caldaidh gu na 1970'n bha am baile am priomh ionad-giollachais de cuibhrigidhean urlar anns an t-saoghail. Cha do mhair na muilnean lino tro an gluais bho stugh-beathachaidh nadurra (b' e jute, ola linseed agus min-airc na bun-stughan do linoleum)ri plastaigean steidhichte air ola-meineireachd.

Meinnearan

Chaidh ath-leasachadh air an raon-ghuail Fiobhach as deidh an dara cogadh, Steidhicheadh meinn-domhainn mhor ur aig Seafield, ri taobh Cathair-Caldaidh anns na 60'n. Chaidh a dhunadh as deidh stalc naiseanta na meinearan a mhair bliadhna re 1983-84. Tha meinnearachd fhadhast a' dol an iar-deas na roinn, ach cladhair an gual a mach a slochdan fosgailte, seachd meinnean-domhainn. 'S e tairbeart a tha ann, agus o chionn goirid, roimh na drochaidean thairis an Tatha agus Linne Foirthe, bha nas iomallaiche.