An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tràilleachd"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 26: Loidhne 26:
* Eile: 500,000 duine nan tràillean
* Eile: 500,000 duine nan tràillean


B’ e [[Poll a' Ghrùthain]],<ref>[http://www.liverpoolmuseums.org.uk/ism/slavery/ Liverpool Museums]</ref> [[Glaschu]]<ref>[http://www.scan.org.uk/exhibitions/blackhistory/blackhistory_3.htm SCAN]</ref> agus [[Lunnainn]] na [[baile|bailtean]] a bha gu làidir an sàs anns a’ mhalairt [[Triantan|triantanach]]: stuth às nan [[Factoraidh|taighean-gnìomhachais]] ga reic ann an Afraga, tràillean nan reic ann an Aimearaga, [[siùcar]], [[tombaca]] agus [[gran-bhàrr]] na talmhainn eile ga reic anns an Roinn Eòrpa.
B’ e [[Poll a' Ghrùthain]], [[Glaschu]]<ref>{{ iomradh lìon | url = https://www.scan.org.uk/exhibitions/blackhistory/blackhistory_3.htm | tiotal = Tobacco Lords | obair = Slavery and Glasgow | foillsichear = Scottish Archives Network | ceann-là_inntrigidh = 2021-10-19 }}</ref> agus [[Lunnainn]] na bailtean a bha gu làidir an sàs anns a’ mhalairt triantanach: stuth às nan [[Factoraidh|taighean-gnìomhachais]] ga reic ann an Afraga, tràillean nan reic ann an Aimearaga, [[siùcar]], [[tombaca]] agus [[gran-bhàrr]] na talmhainn eile ga reic anns an Roinn Eòrpa.<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.liverpoolmuseums.org.uk/history-of-slavery/transatlantic-slave-trade | tiotal= The transatlantic slave trade | foillsichear = National Museums Liverpool | ceann-là_inntrigidh = 2021-10-19 }}</ref>


Chaidh còrr is millean acaire air a' Ghàidhealtachd a cheannachadh le bheartais a thàinig bho thràilleachd.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/54897278 | tiotal = Beartas na tràilleachd | ceann-là = 2020-11-10 | ceann-là_inntrigidh = 2021-10-10 | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC }}</ref> Tha [[Ceit Fhoirbeis]] dhen bheachd gum bu chòir taigh-tasgaidh na tràilleachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/54938807 | tiotal = Taigh-tasgaidh na tràilleachd? | ceann-là = 2020-11-13 | ceann-là_inntrigidh = 2021-10-10 | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC }}</ref>
Chaidh còrr is millean acaire air a' Ghàidhealtachd a cheannachadh le bheartais a thàinig bho thràilleachd.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/54897278 | tiotal = Beartas na tràilleachd | ceann-là = 2020-11-10 | ceann-là_inntrigidh = 2021-10-19 | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC }}</ref> Tha [[Ceit Fhoirbeis]] dhen bheachd gum bu chòir taigh-tasgaidh na tràilleachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/54938807 | tiotal = Taigh-tasgaidh na tràilleachd? | ceann-là = 2020-11-13 | ceann-là_inntrigidh = 2021-10-19 | foillsichear = Naidheachdan a' BhBC }}</ref>


== 9mh Linn ==
== 9mh Linn ==

Mùthadh on 21:26, 19 dhen Dàmhair 2021

Malairt thràillean

‘S e siostam eaconomach a th’ann an Tràilleachd (Bho Seann-Lochlannais: þræll),[1] far am bithear ag ùisinneachadh nan daoine mar rudan neo seilbh, an àite mar dhaoine le còirichean.[2] Ann an iomadh àite, bha tràilleachd stèidhichte ann an lagh.[3] Ann an dòigh as simplidh bunaitiche ri ràdh, 's e duine sam bith a bhios ag obair airson duine eile às aonais chòirichean neo tuarastal a th' ann an tràill. Ghairmeadh ann an Coinbheinsean mu Thràilleachd a chuir Comhairle nan Nàisean an gnìomh air 25 an t-Sultain 1926 nach ann tràilleachd ach:

"... stàit neo suidheachadh anns a bheil neach fa leth fo sheilbh duine eile ... mar sin thathar dhen bheachd gur e tràill a th’ann neach fa leth nach fhaod a mhaighstir, a neach-seilbhe neo a cheannard fhàgail, ... gun chead agus thèid an tràill a thoirt air ais ma chailleas neo ma theicheas e. Feumaidh ga chumail ann an dòigh neo-fhoirmeil, tro chòrdaidhean oifigeil neo tostach leis a’ Phoileis neo ùghdarrasan eile – airson nam maighstirean cumhachdail, air sàilleabh gur e daoine beairteach aig a bheil oighreachdan a th’ annta."

Tha iomadh teacsa laghail eadar-nàiseanta air mìneachadh a thoirt dhan fhacal tràilleachd. Thuirteadh anns a' chiad artaigeil Coinbheinsean mu Thràilleachd Chomhairle nan Nàisean (1927), gur e stàit neo suidheachadh far am bithear a' làimhseachadh neo a’ dèiligeadh ris na daoine mar sheilbh a th’ ann tràilleachd".[4] Ann an 1930 ghabh Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach (BENO) ri mìneachadh mu obair-èiginn a ghairm gur e coltach ri tràilleachd: "Tha an teirm obair-èiginn, neo obair mar dhleastanas, a’ gabhail a-steach a h-uile obair neo seirbheis a nì neach fa leth fo dhaorsa cuideigin agus obair nach do thairg an neach gu saor-thoileach". A thuilleadh air sin, tha BENO dhen bheachd gur e seòrsa thràilleachd a th' ann clann ag obair.[5] Bithear daonnan a’ cleachdadh an fhacail tràilleachd mar argamaid phoileataigeach neo ideòlach: tràilleachd thuarastail an aghaidh Chalpachas, tràilleachd fhiosgail nam libearalach,[6] smuaintean nan sìochantair agus nam libearalach a nì coimeas eadar seirbheis san arm agus tràilleachd, a bharrachd air tràilleachd nam beathaichean.[7]

Eachdraidh

Fad eachdraidh nan daoine agus fiù ‘s anns an àm ro eachdraidheil, ghabhadh mòran cho-chomainn ri tràilleachd ann am foirm air choireigin. Mhair tràilleachd oifigeil gu ruige 2008,[8] nuair a chuir Moratainia caisg laghail oirre, an dùthaich mu dheireadh san t-saoghal.

Tràilleachd Àrsaidh

B’ e tràilleachd ann an teis-mheadhan an eaconamaidh anns na làithean ro Chrìosta.[9] Chleachdadh daoine air an glacadh ann an cogadh mar tràillean agus an cuid cloinne.[10] B’ e cleachdadh sòisealta gu math àbhaisteach fad an t-siubhail gu ruige nam meadhan aoisean san Roinn Eòrpa gus an do nochd siostam eile, ged a lean tràilleachd air thall thairis. B' ann gu math cudromach a bha tràilleachd o chionn 's nach robh còirichean daonna ann agus bha e gu math furasta a' toirt air na daoine a h-uile obair shuarach chruaidh a dhèanamh.

Tràilleachd thar a’ Chuain Shiar

Thàinig tràilleachd gu Ameireaga anns an 16mh Linn. Chaochail 90% nan Tùsanach ann an Ameireaga le galaran às an t-seann shaoghal anns na 100 bliadhna a lean teachd nan Spàinnteach ann 1492.[11] Le sin, thòisicheadh daoine a thoirt à Afraga nan tràillean dha na colonaidhean ùra air taobh thall a’ Chuain Shiar, fada air falbh bhon Roinn Eòrpa. Aig an toiseach tòisichidh bhite a' cleachdadh luchd-obrach bannaichte às an Roinn Eòrpa, mòran Ghàidheil nam measg. Ach bha feum aig na h-uachdarain air luchd-obrach mòran na bu shaoire na seo agus 's e an adhbhar a ghabh iad ri tràillean a cheannachd ann an Afraga.[12] A bharrachd air sin, bha gràin-chinnidh an lùib. Seo na h-àireamhan de dhaoine a chaidh a thràilleachadh a rèir gach dùthaich a bha an lùib sa ghnothaich mar a leanas:

B’ e Poll a' Ghrùthain, Glaschu[13] agus Lunnainn na bailtean a bha gu làidir an sàs anns a’ mhalairt triantanach: stuth às nan taighean-gnìomhachais ga reic ann an Afraga, tràillean nan reic ann an Aimearaga, siùcar, tombaca agus gran-bhàrr na talmhainn eile ga reic anns an Roinn Eòrpa.[14]

Chaidh còrr is millean acaire air a' Ghàidhealtachd a cheannachadh le bheartais a thàinig bho thràilleachd.[15] Tha Ceit Fhoirbeis dhen bheachd gum bu chòir taigh-tasgaidh na tràilleachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.[16]

9mh Linn

  • Ann an 873, sgrìobh Pàpa Iain VIII an Litir Abstolach Unum est a dhearbhaich gu robh còirichean agus saorsa aig tràillean.

13mh Linn

  • Ann an 1222, chuir Sundjata Keïta às do thràilleachd nuair a chruthaich e Impireachd Mhali. Ach co-dhiù cha do chuireadh an gnìomh an lagh agus aig an ceann thall b' e Tiombuctu na mhargaidh thràillean mhòr fad iomadh bliadhna.

14mh Linn

  • 3 an t-Iuchar 1315 : Èigheachd Rìoghail an Rìgh Louis X na Frainge a dhearbhaich a rèir còirichean nàdarra, feumar gach uile duine air breith saor. Bhon an latha sin agus gu h-oifigeil, saoraichidh fearann na Frainge an tràill a chuireas a chas oirre[17].

15mh Linn

  • 1435: Dhìt Pàpa Eòghann IV tràilleachd agus dh' ascaointich e luchd-reic nan tràill anns an Litir Abstolach Sicut Dudum.[19]

16mh Linn

18mh Linn

  • 1772: Cùis-lagha James Somersett: chaidh a dhearbhadh nach robh tràilleachd idir laghail ann an lagh coitcheann Shasainn agus na Cuimrigh.
  • 1792: Sgrìobh An Danmhairg lagh a chuireadh às do mhalairt nan daoine dubha an ceann 10 bliadhna.[21]
  • 1793: 23 an Lùnastal, chuir coimiseanair na Poblachd Sonthonax às do thràilleachd sa cholonaidh Fhrangach Saint-Domingue, neo Haiti an lath an-diugh.
  • 1794: 16 pluviôse, bliadhna II (4 an Gearran 1794), leasaich na thachair ann an Sonthonax dhan a h-uile colonaidh na Frainge.

19mh Linn

20mh Linn

  • 1907: Cur às do Thràilleachd eadar-afraganach leis na Breatannaich ann an Kenya.
  • 1909: Cur às do Thràilleachd anns An t-Sìona.[29] A dh'aindeoin sin, thathar dhen bheachd gu robh mu 4 muillean duine-cloinne a bha fhathast nan tràillean anns an t-Sìona ann an 1930.[30]
  • 1922: Cur às do Thràilleachd ann am Maroco leis na Frangaich.
  • 1923: Cur às do Thràilleachd ann an Afganastan.
  • 1924: Cur às do Thràilleachd ann an Ioràc.
  • 1925: Thuirt Albert Londres gu robhar a' reic thràillean anns an dìomhaireachd ann an Aràibia.
  • 1926: Cur às do Thràilleachd ann an Neapàl agus An Aetiòp. Chaidh Cunnradh Gheneva, a dhìt tràilleachd, a dhearbhadh le 44 dùthchannan.
  • 1929: Cur às do Thràilleachd ann an Iòrdan agus Ioràn.
  • 1937: Cur às do Thràilleachd ann am Bachrain.
  • 1948: Sgrìobhadh artaigil 4 Foirgheall Uile-choitcheann Còirichean nan Daoine, a chaidh a dhearbhadh ann an 1956.
  • 1949: Cur às do Thràilleachd ann an Cubhait.
  • 1952: Cur às do Thràilleachd ann an Catar. Tha an lagh mu dheidhinn parrainage fhathast ann, ged a chuir dùthchannan eile faisg air làimh às do pharrainage.[31]
  • 1957: Cunnradh mu às dhan obair-èiginn, Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach.
  • 1964: Cur às do Thràilleachd ann an Aràibia nan Sabhd.
  • 1970: Cur às do Thràilleachd ann an Oman.
  • 1980: Cur às do Thràilleachd ann am Moratainia. A dh'aindeoin sin, cha do chuireadh an sàs e air sàilleabh gu robhar a' creidsinn gum biodh an lagh seo an aghaidh Ioslaim, leis gu robh laghan anns a' Choran a dhèiligeadh ri tràilleachd. Tha fhathast mu 100,000 a tha nan tràillean san dùthaich gus an latha na-diugh.
  • 1992: Cur às oifigeil do Thràilleachd ann am Pacastan. A dh'aindeoin sin, bu chòir do bharraillean ionadail a ghabhail ris an lagh, rud nach do thachair mar-thà agus chan eil structar ann airson sin a dhèanamh nas motha.[32]

21mh Linn

  • 2001: An Fhraing, lagh a làimhsicheas tràilleachd mar eucoir an aghaidh na daonnachd.
  • 2004: Bliadhna comharrachaidh agus sabaid an aghaidh thràilleachd nan Nàisean Aonaichte.
  • 2005: 2 an Dùbhlachd, Latha eadar-nàiseanta an aghaidh Thràilleachd.

Tràilleachd an Là an-diugh

Chan eil tràilleachd laghail idir ann an dùthaich sam bith an latha an-diugh. A dh’aindeoin sin, thathar dhen bheachd gu bheil còrr is fichead muillean duine fhathast nan tràillean ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil air feadh an t-saoghail.[33]

Ann an Leabhraichean

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. York University
  2. Laura Brace (2004). The Politics of Property: Labour, Freedom and Belonging. Edinburgh University Press. duilleagan 162–. ISBN 978-0-7486-1535-3.
  3. Shelley K. White; Jonathan M. White; Kathleen Odell Korgen (27 an Cèitean 2014). Sociologists in Action on Inequalities: Race, Class, Gender, and Sexuality. SAGE Publications. duilleag 43. ISBN 978-1-4833-1147-0
  4. Coinbheinsean mu Thràilleachd
  5. OIT ILO
  6. Machan EG, Tibor R, "Tax Slavery", Ludwig von Mises Institute, 2000
  7. Spiegel, Marjorie, The Dreaded Comparison: Human and Animal Slavery, Mirror Books, New York, 1996
  8. OCVIDH
  9. Lauffer, S. "Die Bergwerkssklaven von Laureion", Abhandlungen no. 12 (1956), duilleag 916.
  10. Oilthigh Phrinceton
  11. Klein, Herbert S. agus Jacob Klein. The Atlantic Slave Trade. Cambridge University Press, 1999, duilleagan 103–139.
  12. Slave Voyages
  13. Tobacco Lords”. Slavery and Glasgow. Scottish Archives Network. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021.
  14. The transatlantic slave trade”. National Museums Liverpool. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021.
  15. Beartas na tràilleachd”, Naidheachdan a' BhBC. 10mh dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021. 
  16. Taigh-tasgaidh na tràilleachd?”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021. 
  17. Breve histoire de l'esclavage en Occident
  18. Police and public order in Europe, John Roach agus Jürgen Thomaneck, Taylor & Francis, 1985, ISBN19780709922421
  19. Sicut Dudum
  20. The union of Lublin, Polish federalism in the golden age, Harry E. Dembkowski, East European Monographs, 1982, ISBN 9780880330091, duilleag 271
  21. Nelly Schmidt, L'abolition de l'esclavage. Cinq siècles de combats, Fayard, Paris, 2005, duilleag 353
  22. Nelly Schmidt, duilleag 353
  23. Dossier de l'Unicef sur l'esclavage en Amérique du Sud
  24. Archive Ministérielle de Turquie, Gestion des Affaires Intérieures, bliadhna : (1263/1847), 9553
  25. Mémoires Barth
  26. Nelly Schmidt, L'abolition de l'esclavage : cinq siècles de combats XVIe - XXe siècle, Fayard, Paris, 2005, duilleag 254
  27. Hugh Thomas, La traite des Noirs, éd. Robert Laffont, duilleag 850.
  28. Chittick, Neville (1965). "The ‘Shirazi’ Colonization of East Africa". Journal of African History (Cambridge University Press) 6 (3): 275–294
  29. Histoire de l'esclavage. De l'Antiquité à nos jours, Christian Delacampagne, Paris, 2002, ISBN2253905933, duilleag 43
  30. Milton Meltzer, Slavery: A World History, New York, 1993, Vol. II, duilleag 258
  31. Slate
  32. Mémorial de Nantes
  33. Courrier International