An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Tagaichean: Deasachadh inneil-làimhe Deasachadh-lìn inneil-làimhe
Loidhne 34: Loidhne 34:


==Ceanglaichean a-mach==
==Ceanglaichean a-mach==
*[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/donnchadh_ban/am_bard/ BBC Alba: Làrach nam Bàrd: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]
* [http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/donnchadh_ban/am_bard/ BBC Alba: Làrach nam Bàrd: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]
*[http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/donnchadh_ban_mac_an_t_saoir/?lang=gd Bliadhna nan Òran, BBC]
* [http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/donnchadh_ban_mac_an_t_saoir/?lang=gd Bliadhna nan Òran, BBC]
*[http://gaelicresources.co.uk/images/grd/multimedia/baird/donnchadh.htm GRD: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]
* [http://gaelicresources.co.uk/images/grd/multimedia/baird/donnchadh.htm GRD: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]
*[http://www.rojialhaqy.com Airtigeal le Iain Mac a' Ghobhainn air làrach mu sgrìobhadairean Albannach]
* [http://www.rojialhaqy.com Airtigeal le Iain Mac a' Ghobhainn air làrach mu sgrìobhadairean Albannach]
* [http://www.electricscotland.com/poetry/macintyre/misty_corrie.htm Fiosrachadh: 'Òran Coire a' Cheathaich' (Beurla)]
* [http://www.electricscotland.com/poetry/macintyre/misty_corrie.htm Fiosrachadh: 'Òran Coire a' Cheathaich' (Beurla)]
* [https://scotlandsnature.blog/2020/10/20/a-ceol-a-bu-bhinne-chualas-the-sweetest-music-ever-heard/ ScotlandsNature.blog 2020-10-20: An Ceòl a bu Bhinne Chualas] - ''mun bhàrdachd aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir''

{{Smachd ùghdarrais}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]

Mùthadh on 17:18, 27 dhen Dùbhlachd 2020

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Beatha
Breith 20 dhen Mhàrt 1724
Dùthaich  Alba
 Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Rìoghachd na Breatainne Mòire  1 dhen Fhaoilleach 1801)
Bàs Dùn Èideann, 14 dhen Chèitean 1812
Àite-adhlacaidh Cill nam Manadh Liatha
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Gnè ealain bàrdachd

B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724–1812), agus e air a mheas mar fhear de na bàird Ghàidhlig as ainmeile agus as cudromaiche san 18mh linn.

Sgeul-beatha

Cuimhneachan do Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Druim Liaghairt, faisg air Inbhir Dhobhrain

Rugadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724 - 1812) ann an Druim Liaghairt, an cois Loch Toilbhe, ann an Gleann Urchaidh, Earra-Ghàidheal. Bha e na fhòrsair agus na gheamair anns an sgìre sin airson iomadach bliadhna agus 's ann airson nan dàn ainmeil nàdair a rinn e mu na beanntan agus na glinn mun cuairt oirre a tha a' mhòr-chuid eòlach air ainm. Nam measg seo tha 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' agus 'Moladh Beinn Dòbhrain'.

Bha Donnchadh cuideachd a' tighinn beò mar shaighdear aig diofar amannan. Tha iomradh na bhàrdachd mu bhith a' sàbaid an arm an riaghaltais aig Blàr na h-Eaglaise Brice ann an 1746. Bha e greis ann am Freiceadan Bhràghaid Albann agus bha e ann an Geàrd Bhaile Dhùn Èideann on bhliadhna 1767 a-mach.

Carragh cuimhne do Dhonnchadh Bànn ann an Eaglais nam Manach Liath

Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.

Bàrdachd

Ged nach robh leughadh no sgrìobhadh aig Donnchadh bha e mion-eòlach air a' bhàrdachd Ghàidhlig a bh' air teanga tòrr den t-sluagh aig an àm. Choisinn e cliù bhuan do chuid bhàrdachd fhèin nuair a dh'fhoillsich e i anns a' bhliadhna 1768. Bha cuideachadh aige bho ghrunnd charaidean ann a bhith a' coilionadh na h-obrach seo, nam measg An t-Ollamh Dòmhnall MacNeacail, Lios Mòr.

Beinn Dòbhrain

A bharrachd air òrain agus dàn mu nàdar, bhiodh Donnchadh cuideachd a' dèanamh òrain-gaoil agus tha aon fhear aca seo fhathast gu sònraichte ainmeil an-diugh; 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta' no 'a Mhàiri Bhàn Òg'. Tha stòiridh ann am beul-aithris mu fhear a thuirt ri Màiri, 's i na seann aois, nach aithnicheadh e idir i bhon òran. Fhreagair Donnchadh gun aithnicheadh e anns a' bhad i nan robh e ga faicinn tro shùilean fhèin.

Nàdar agus àitichean

Moladh agus Cumha

  • Cumha Chailein Ghlinn Iubhair
  • Òran do Iain Caimbeul a' Bhanca

Gaol

  • Òran da Chèile Nuadh-phòsta
  • A Mhàiri Bhàn Òg

Tha òrain Dhonnchaidh rin lorg ann an 'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre', deasaichte le Aonghas MacLeòid (Dùn Èideann, 1952).

Ceanglaichean a-mach