An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Suðurland"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b corr using AWB
Loidhne 104: Loidhne 104:
{{Commons|Suðurland}}
{{Commons|Suðurland}}
{{Smachd ùghdarrais}}
{{Smachd ùghdarrais}}
{{Teamplaid:Roinnean Innise Tìle}}
{{Roinnean Innise Tìle}}
[[Roinn-seòrsa:Innis Tìle]]
[[Roinn-seòrsa:Innis Tìle]]

Mùthadh on 16:36, 29 dhen t-Samhain 2019

Suðurland
Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Prìomh-bhaile Selfoss
Siorrachdan Traidiseanta Árnessýsla, Rangárvallasýsla, Vestur-Skaftafellssýsla
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 24,256 km²
Àireamh-shluaigh 23,311 (2018)
Dlùths 0.96/km²
Duilleag oifigeil Suðurland

'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Suðurland (Gàidhlig: Tìr a Deas).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, eadar Austurland, Höfuðborgarsvæðið, Norðurland eystra, Norðurland vestra, Suðurnes agus Vesturland. 'S e Selfoss a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]

Eachdraidh

Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh a' mhòr-cuid dhen talamh ann an Suðurland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Sunnlendingafjórðungur/Rangæingafjórðungur còmhla ri Höfuðborgarsvæðið agus Suðurnes.[3] Bha sgìrean mòra air an àirde an ear na roinne ann an Austfirðingafjórðungur cuideachd. Chaidh Sgìreachd-easbaig Skálholt a stèidheachadh an seo ann an 1056. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Suðurland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]

Daoine Ainmeil

Bailtean

Àireamh-sluaigh

Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] 'S ann aig Suðurnland 's a tha an treas àireamh-sluaigh as àirde na dùthcha, an dèidh Höfuðborgarsvæðið agus Norðurland eystra.

Bliadhna Àireamh-sluaigh % Nàiseanta
1920 13785 14,60 %
1930 13694 12,61 %
1940 13555 11,15 %
1950 13826 9,58 %
1960 16018 8,95 %
1970 18052 8,82 %
1980 19637 8,49 %
1990 20402 7,92 %
2000 21119 7,41 %
2007 23478 7,46 %

Siorrachdan ann an Suðurland

Tha trì sheann shiorrachd ann an Suðurland: Árnessýsla, Rangárvallasýsla, Vestur-Skaftafellssýsla.

Iomraidhean

  1. Samband Íslenskra Sveitarfélagra
  2. Árborg
  3. Stjórnarriðið
  4. Landskjór
  5. Hagstofa

Ceanglaichean A-muigh

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: