An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Innis Tìle"
No edit summary |
|||
Loidhne 16: | Loidhne 16: | ||
| TIOTAL_CEANNARD1 = Ceann-suidhe |
| TIOTAL_CEANNARD1 = Ceann-suidhe |
||
| TIOTAL_CEANNARD2 = [[Prìomh-mhinistear]] |
| TIOTAL_CEANNARD2 = [[Prìomh-mhinistear]] |
||
| TIOTAL_CEANNARD3 = Ceann-suidhe [[ |
| TIOTAL_CEANNARD3 = Ceann-suidhe [[Alþingi]] |
||
| TIOTAL_CEANNARD4 = |
| TIOTAL_CEANNARD4 = |
||
| TIOTAL_CEANNARD5 = |
| TIOTAL_CEANNARD5 = |
Mùthadh on 17:52, 10 dhen t-Samhain 2019
Lýðveldið Ísland | |
---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
Laoidh Nàiseanta | |
Lofsöngur | |
Cànan(an) oifigeil | Innis-Tìlis |
Prìomh-bhaile | Reykjavík |
Baile as motha | Reykjavík |
Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Guðni Th. Jóhannesson |
Prìomh-mhinistear | Bjarni Benediktsson |
Ceann-suidhe Alþingi | Sturla Böðvarsson |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Danmhairg |
1 an Gearran 1904 |
Poblachd | 17 an t-Ògmhios 1944 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 103,000 km² (107mh) |
Uisge | 2.7 % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 316,252 (172mh) |
Dlùths | 3,1/km² (233mh) |
LTD/CCC (2006) | |
gach pearsa | $40,277 (2005) (5mh) |
Roinn tìde | GMT (UTC+0) |
Ruith-airgid | Icelandic króna |
Prìomh àrainn-lìn | .is |
Còd Àireamh fòn | 354 |
'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle [1][2][3][4][5] neo Innis Tile[6][7] aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle.
Eachdraidh
'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.[8] 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[9]
Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi
(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)
Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealtas a bh' ann o shin.
B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.
Tir-eòlas
Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.
Sgìrean
- Austurland
- Höfuðborgarsvæði
- Norðurland eystra
- Norðurland vestra
- Suðurland
- Suðurnes
- Vestfirðir
- Vesturland
Bailtean Mòra
Seo liosta nan deich bailtean as motha san dùthaich.[10]
- Reykjavík
- Kópavogur
- Hafnarfjörður
- Akureyri
- Garðabær
- Mosfellsbær
- Akranes
- Selfoss
- Ísafjörður
- Sauðárkrókur
Cultar
Litreachas
- Bhuannaich Halldór Laxness à Reykjavík an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1955.
Iomraidhean
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Charlton T. Lewis; Charles Short (1879). A Latin Dictionary. Oxford: Clarendon Press.
- ↑ Saga Map
- ↑ World Population Review