An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dail Beithich"
b corr using AWB |
b Ghluais CreagNamBathais duilleag Dail Bheithe gu Dail Beithich: cruth ann an AÀA |
(Gun diofar eatarra)
|
Mùthadh on 20:57, 27 dhen Iuchar 2019
Dail Bheithe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 55′ 55″ Tuath 3° 49′ 19.2″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,289 (2011) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann an Dail Bheithe neo Dail Beithigh[1] (Beurla: Dalbeattie). Tha e suidhichte ann an gleann air bruach Urr Water mu 6 cilemeatair (4 mìltean) ear air Caisteal Dhùghlais agus mu 19 cilemeatair (12 mìltean) iar-dheas air Dùn Phrìs. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 55′ 55.2″ Tuath agus 3° 49′ 19.2″ Iar. Ann an 2011 bha 4,289 duine a' fuireach an seo. [2] Bha a' chiad tuineachadh an seo ann an 1658, ach chaidh am baile a thogail ann an 1781. Bha gnìomhachas clachan ghràineil gu math cudromach airson a' bhaile, anns na 1810an bha mòran daoine a dh'imrich gu Dail Bheithe airson obair fhaighinn anns na cuaraidhean. An diugh tha an cuid as motha de na daoine ag obair ann an Dùn Phrìs.
Eachdraidh
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1599 mar Dalbatie.[3] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr[4] agus seachd duine thar fhichead eile san Dàrna Cogadh. Bha Faisisteachas[5] uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an 1934, far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.
Iomraidhean
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ Radical Independence
Ceanglaichean a-mach
- Làrach-lìn Dail Bheithe
- Làrach-lìn na Coimhearsnachd
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX8327061230
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm