An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Faclair na Gàidhlig"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Chaidh duilleag le " 'S e pròiseact faclaireach a th' ann am '''Faclair na Gàidhlig''' a tha a’ cruthachadh faclair eachdraidheil na Gàidhlig. 'S e iomairt eadar-oilthighean..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 13:21, 7 dhen Ògmhios 2019

'S e pròiseact faclaireach a th' ann am Faclair na Gàidhlig a tha a’ cruthachadh faclair eachdraidheil na Gàidhlig.

'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs.[1]

Amas a' phròiseict

'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios ann an cruth coltach ri na faclairean tomadach eachdraidheil a gheibhear ann an Albais agus ann am Beurla, mar an Dictionary of the Older Scottish Tongue, an Scottish National Dictionary agus an Oxford English Dictionary.[2]

Thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach.[2]

Bidh am faclair ag obair le na teagsaichean Gàidhlig as tràithe a th' ann gus an latha an-diugh.[2]

Thathas an dùil gum bi am faclair a' gabhail suim air na ceanglaichean a th' eadar Gàidhlig agus Albais gu h-eachdraidheil.[2]

Cruth an Fhaclair

Thèid na faclan a mhìneachadh anns a' Bheurla gus cothrom a thoirt do luchd na Beurla eachdraidh na Gàidhlig a sgrùdadh.[3] Thèid abairtean a thogail bho theagsaichean Gàidhlig gus brìgh nam facal a chur an cèill.[3]

Rianachd

Tha prìomh-oifis an Fhaclair aig Fàs, Sabhal Mòr Ostaig.

Comataidh Stiùiridh

'S iad buill Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhig (2019[4])

Riochdairean nan Oilthighean

Thomas Clancy (Iar-Neach-gairm), Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.

Ingeborg Birnie, Òraidiche ann an Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh.

Uilleam Lamb, Òraidiche ann an Celtis agus Eòlas na h-Alba,Oilthigh Dhùn Èideann. 

An Dr Gillian Rothach

Moray Watson, Àrd-Òraidiche na Gàidhlig agus Leas-Stiùiriche don Institiùd airson Rannsachadh ann an Eòlas Èireannach is Albannach, Oilthigh Obar Dheathain.

Maoineachadh

Fhuair Faclair na Gàidhlig taic bho Riaghaltas na h-Alba, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Economic & Social Research Council, rts & Humanities Research Council, an Carnegie Trust for the Universities of Scotland.[5]

Iomraidhean

  1. Faclair na Gàidhlig(Gàidhlig is Beurla). Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/] 7mh dhen Chèitean 2019. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 Am Pròiseact(Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/index.html] 14mh dhen Iuchar 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
  3. 3.0 3.1 Structar(Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/structar.html] 14mh dhen Iuchar 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
  4. Comataidh Stiùiridh(Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html] 7mh dhen Ògmhios 2019. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
  5. Buidhnean Taic(Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/buidhnean_taic.html] 17mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.