An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Inbhir Àir"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b corr using AWB
Loidhne 1: Loidhne 1:
{{Template:Baile
{{Baile
| AINM = Inbhir Àir
| AINM = Inbhir Àir
| LÙIREACH = Ayrcoatofarms.jpg
| LÙIREACH = Ayrcoatofarms.jpg

Mùthadh on 15:28, 19 dhen Chèitean 2019

Inbhir Àir
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Siorrachd Inbhir Àir
Co-chomharran 55° 27′ 30.78″ Tuath
4° 37′ 47.36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 46,050 (2006)
Àireamh fòn 01292
Duilleag oifigeil www.south-ayrshire.gov.uk
Clach-dhealbh Raibeart Burns

'S e baile ann a deas na h-Alba a th' ann an Inbhir Àir (Beurla: Ayr). Tha an ath ann an deas de Inbhir Àir baile beag agus iomall baile, Allmhaigh, ceangailte ri Raibeart Burns. Tha am prìomh-oifis do Chomhairle Shiorrachd Àir a Deas ann agus bha prìomh-oifis do Shiorrachd Inbhir Àir ann. Tha e faisg air Preastabhaig agus am Port Adhair Preastabhaig.


Còmhdhail

Tha trì rathaidhean mòra ann an Inbhir Àir:

Tha seirbheisean trèana a' dol gu Stèisean Meadhan Ghlaschu gach leth-uair gach là o stèisean Inbhir Àir. Tha seirbheisean gu An t-Sròn Reamhar, Inbhir Gharbhain, Cille Mheàrnaig agus An Caisteal Nuadh ann cuideachd.

Gàidhlig

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Àir anns a’ bhliadhna 1973.

Chaidh a’ chòisir Còisir Òg Ghàidhlig Inbhir Àir a chur air bhonn sna 1950an le Dòmhnall MacÌosaig à Diùra, aig an robh taigh-òsta an Durward air Prestwick Road. B’ e sàr sheinneadair ainmeil a bh' ann an Dòmhnall fhéin, anns na 1950an agus 1960an. Bha e pòsta aig Màiri Nic a' Mhaoilein, tè de pheathraichean Nic a’ Mhaoilein à Muile. Chaidh a' chòisir ma sgaoil ann am meadhan na 1960an nuair a chaochail Dòmhnall.

Spòrs

Tha Inbhir Àir Aonaichte na sgioba ball-coise ann an Inbhir Àir is tha iad a' cluich aig Pàirc Somerset agus Dara Roinn na h-Alba. Tha am baile agus Siorrachd Inbhir Àir ainmeil airson Goilf agus tha am baile ainmeil airson cùrsa-rèis. Is e Ayr Racecourse an cùrsa-rèis as motha ann an Albainn.

Sgìrean Phàrlamaid