An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Robert Bontine Cunninghame Graham"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "B' e neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-naidheachd, agus cruadalaiche a bh' ann an Robert Bontine Cunninghame Graham ((24 An Cèitean 1852 – 20 Am Màrt..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 20:55, 18 dhen Ògmhios 2018

B' e neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-naidheachd, agus cruadalaiche a bh' ann an Robert Bontine Cunninghame Graham ((24 An Cèitean 1852 – 20 Am Màrt 1936). Bha e na Bhall-Pàrlamaid (Am Pàrtaidh Libearalach). Ann an 1928, nuair a chuir Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (National Party of Scotland) a chuir air bhonn, bha e aon de na luchd-stèidheachaidh, agus ann an 1934, bha e na chiad cheann-suidhe aig Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (Scottish National Party).

Rugadh R. B. Cunninghame Graham ann an Lunnainn. Bha athair, Màidsear William Bontine, anns an arm. B' ann à Spàinn a bha màthair màthar, agus b' i Spàinntis a' chiad chànan aig Robert cuideachd. Chaidh a thogail ann an Siorrachd Rinn Friù agus ann an Siorrachd Dhùn Breatann ann an Alba. As dèidh do Robert sgoiltean fhàgail, chaidh e dhan Argantain airson airgead a dhèanamh mar àireach.