An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 24: Loidhne 24:
== Mar phàrtaidh dùbhlanachd ==
== Mar phàrtaidh dùbhlanachd ==


Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an [[2007]]. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[2008]] is chaidh [[Tavish Scott]] a thaghadh mar cheannard na àite. Ann an [[2011]] thug [[Willie Rennie]] na cheannard. Ann an [[Taghadh Albannach 2016|2016]] thug na Lib Deamaich nam pàrtaidh as lugha sa' Phàrlamaid, an dèidh do nan [[Pàrtaidh Uaine na h-Alba|Uainean]].
Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an [[2007]]. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[2008]] is chaidh [[Tavish Scott]] a thaghadh mar cheannard na àite. Ann an [[2011]] lean [[Willie Rennie]] e mar cheannard. Ann an [[Taghadh Albannach 2016|2016]] chaidh na Lib Deamaich nam pàrtaidh as lugha sa' Phàrlamaid, an dèidh do nan [[Pàrtaidh Uaine na h-Alba|Uainean]].


==Iomraidhean==
==Iomraidhean==

Mùthadh on 21:08, 3 dhen Fhaoilleach 2018

Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 3 Am Màrt 1988
Luchd-stèidheachaidh Pàrtaidh Libearalch na h-Alba
Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba[1]
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas na Margaidh
Feadaraileas
Libearalas
Aonachas
Libearalas Sòisealta
Oifisean 4 Clifton Terrace, Dùn Èideann, EH12 5DR, Alba
Cathraiche Willie Rennie[2]
Suidheachain Pàrlamaid na h-Alba: 5
Lunnainn: 1
A' Bhruiseal:0
Riaghaltas Às an Riaghaltas

'S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann am Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (no am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach[3]) is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an 1988 tro aonadh a’ Phàrtaidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 5 seataichean dhe 129 air fad aca ann am Pàrlamaid na h-Alba, 1 ann an Lunnainn (dhe 59 do dh’ Alba) ach chan eil Lib Deamach sam bith anns a' Bhruiseal (dhe 6 do dh'Alba). Tha 4,000 buill a’ phàrtaidh air feadh na h-Alba.

Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-breith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.

Tiomnadh chumhachdan agus co-bhanntachd

Bha am pàrtaidh an sàs anns an iomairt airson fèin-riaghlaidh ann an Alba, mar phàirt do prògram feadarail a’ phàirtidh do Bhreatainn air fad, is iad an sàs cuideachd ann an Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba còmhla ris na Làbaraich, Pàrtaidh Uaine na h-Alba, aonaidhean-ciùird agus eaglaisean. Fhuair iad 17 seataichean ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean Albannach ann an 1999 is stèidhich iad co-bhann leis na Làbaraich, airson atharrachadh ann an lagh taobh chaitheamh an fhoghlaim is mion-atharrachadh ann an siostam taghadh na h-Alba. Chaidh ceannard a’ Phàrtaidh, Seumas Uallas, na mhinistear an fhoghlaim ann an Alba agus na mhinistear a’ cheartais, a bharrachd air a bhith na phrìomh-mhinistear nuair a bha Dòmhnall Mac an Deòir tinn. Chaidh dreuchdan ministearan na co-bhanntachd air atharrachadh ri linn taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2003 is bha Uallas na mhinistear ghnothaich an uair sin. Leig Uallas a dreuchd air an 23mh latha dhen Ògmhios 2005 is chaidh Nicol MacStèaphain a thaghadh mar cheannard.

Anns an Dùbhlachd 2007 thug iadsan, na Làbaraich agus na Tòraidhean taic do choimisean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh am broinn na Breatainne Mòire a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Bha na Nàiseantaich air Còmhradh Nàiseanta a chur air dòigh ro-làimh, nach chumadh neo-eisimeileachd na h-Alba a-mach co-dhiù.

Mar phàrtaidh dùbhlanachd

Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen Iuchar 2008 is chaidh Tavish Scott a thaghadh mar cheannard na àite. Ann an 2011 lean Willie Rennie e mar cheannard. Ann an 2016 chaidh na Lib Deamaich nam pàrtaidh as lugha sa' Phàrlamaid, an dèidh do nan Uainean.

Iomraidhean

  1. Liberal History
  2. http://www.scotlibdems.org.uk/willie_rennie
  3. T.E.L.I. (2001) Faclair na Pàrlamaid (Dùn Èideann: Pàrlamaid na h-Alba)

Ceanglaichean a-muigh