An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabharlann Nàiseanta na h-Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
toiseach tòiseachaidh
 
b iomradh + dealbh
Loidhne 1: Loidhne 1:
[[Faidhle:Front Facade, Flag, people, NLS June 2013.jpg|thumb|Prìomh-thogalach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba]]
'S e leabharlann nàiseanta ann an Dùn Èideann, Alba a th' ann an '''Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.'''
'S e leabharlann nàiseanta ann an Dùn Èideann, Alba a th' ann an '''Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.'''


Tha e stèidhichte ann an grunn thoglaichean ann an Dùn Èideann leis a' phrìomh thogalach air Drochaid Seòras IV anns an t-seann bhaile. Chaidh togalach nas ùire a thogadh anns na 1980an air taobh a deas a' bhaile air Causewayside anns a bheil mapaichean, cruinneachaidhean saidheansail agus stòrasan a bharrachd.<ref name=":0">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2013|tiotal=National Library of Scotland|url=http://www.theeuropeanlibrary.org/tel4/contributor/P02009|ceann-là_inntrigidh=2017-11-09|foillsichear=The European Library|duilleagan=|cànan=Beurla}}</ref>
Tha e stèidhichte ann an grunn thoglaichean ann an Dùn Èideann leis a' phrìomh thogalach air Drochaid Seòras IV anns an t-seann bhaile. Chaidh togalach nas ùire a thogadh anns na 1980an air taobh a deas a' bhaile air Causewayside anns a bheil mapaichean, cruinneachaidhean saidheansail agus stòrasan a bharrachd.<ref name=":0">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2013|tiotal=National Library of Scotland|url=http://www.theeuropeanlibrary.org/tel4/contributor/P02009|ceann-là_inntrigidh=2017-11-09|foillsichear=The European Library|duilleagan=|cànan=Beurla}}</ref>


Ann an 201?, dh'fhosgail Tasglann nan Ìomhaighean Gluasad aig Talla Cheilbhinn ann an Glaschu far am faighear tasglann de dh'fhilmichean.
Ann an 2016, dh'fhosgail Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Talla Cheilbhinn ann an Glaschu far am faighear tasglann de dh'fhilmichean.<ref>{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2016-09-14|tiotal=Scotland's past comes alive at Kelvin Hall|url=https://www.nls.uk/news/press/2016/09/library-opens-at-kelvin-hall|ceann-là_inntrigidh=2017-11-09|foillsichear=NLS|duilleagan=|cànan=Beurla}}</ref>


== Eachdraidh ==
== Eachdraidh ==

Mùthadh on 18:27, 9 dhen t-Samhain 2017

Prìomh-thogalach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

'S e leabharlann nàiseanta ann an Dùn Èideann, Alba a th' ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Tha e stèidhichte ann an grunn thoglaichean ann an Dùn Èideann leis a' phrìomh thogalach air Drochaid Seòras IV anns an t-seann bhaile. Chaidh togalach nas ùire a thogadh anns na 1980an air taobh a deas a' bhaile air Causewayside anns a bheil mapaichean, cruinneachaidhean saidheansail agus stòrasan a bharrachd.[1]

Ann an 2016, dh'fhosgail Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Talla Cheilbhinn ann an Glaschu far am faighear tasglann de dh'fhilmichean.[2]

Eachdraidh

Chaidh an Leabharlann Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1925 às dèidh Achd Phàrlamaid.[1][3] Roimhe sin, b' e Leabharlann an Luchd-Tagraidh (Advocate's Library) an leabharlann a bha aithniche gu laghail mar leabharlann oifigeil. Dh'fhosgladh siud ann an 1689.[1] An uair sin, fo Achd Còrach-lethbhreac (1710), chaidh inbhe 'leabharlann tasgaidh laghail' (legal deposit) le a bhuileachadh air.[1] Tha siud a' ciallachadh gu bheil ceud aige leth-bhreac den a h-uile foillseachadh a thèid a chlò-bhualadh ann am Breatainn a ghabhail mar stòras nàiseanta.

Anns na 1920an, bha cosgaisean an leabharlainn ro mhòr do bhuidheann phrìobhaideach agus chaidh cruinneachaidhean an leabharlainn a chur gu buidheann ùr, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, fo Achd Phàrlamaid.[1] Chuireadh air dòigh an leabharlann ùr le dìleab airgid luach £100,000 o Sir Alasdair Grannd (Alexander Grant) à Farrais.[1][3]

Bho 1999 nuair a dh'fhosgail Pàrlamaid na h-Alba, tha an Leabharlann maonaichte le Riaghaltas na h-Alba.[3]

Stòrasan

Tha còrr is 7 muillion leabhar, 14 muillion stuthan clò-bhuailte agus 2 mhuillion mapa aig an Leabharlann Nàiseanta.[1] Anns a' chruinneachadh, tha leth-bhreac den Bhìoball Gutenberg, làmh-sgrìobhainn le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus litrichean le Charles Darwin.[1]

Cruinneachaidhean Gàidhlig

Tha an cruinneachadh Gàidhlig as motha air an t-saoghail ann. Tha cuid de na leabhraichean Gàidhlig agus

leabhraichean mun Ghàidhlig ri fhaighinn an asgaidh air-loidhne. 'S iad na cruinneachaidhean nach eil fo dhlighe-

sgrìobhaidh (copyright):

Tha tasglann a' Chomuinn Ghàidhealaich cuideachd aig NLS agus tha pàirt dheth ri fhaicinn air-loidhne. Ged a tha

pàirtean den tasglann fo dhlighe-sgrìobhaidh fhathast, faodar fhaicinn an asgaidh air-loidhne:

Gnìomhan-ionnsachaidh

Bidh an NLS a' cur làraich air dòigh anns a bheil stuthan ionnsachaidh air iomadh cuspair. Tha dà làrach le Gàidhlig aca:

Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 1.7 National Library of Scotland(Beurla). The European Library. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.
  2. Scotland's past comes alive at Kelvin Hall(Beurla). NLS. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.
  3. 3.0 3.1 3.2 Brief history of the National Library(Beurla). Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.

Ceanglaichean a-muigh