An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cleachdaiche:Susan.nls/Tiotalan"
sgioblachadh agus leasachadh |
b →Eadar-dhealachadh: mìneachadh? |
||
Loidhne 36: | Loidhne 36: | ||
===Eadar-dhealachadh cumanta=== |
===Eadar-dhealachadh cumanta=== |
||
Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal |
Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal le cromag , mas e an aon seòrsa rud a th' ann |
||
⚫ | |||
* Inbhir Nis, Alba |
|||
Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal (mar seo), mas e diofar sheòrsaichean rud a tha ann; |
|||
* Eabhraig Nuadh (stàit) |
|||
* Eabhraig Nuadh (baile) |
|||
* Iain Mac a' Ghobhainn (Iarsiadar) |
* Iain Mac a' Ghobhainn (Iarsiadar) |
||
⚫ | |||
* Piedras (Tolima) |
|||
==Duilleag soilleireachaidh== |
==Duilleag soilleireachaidh== |
Am mùthadh mu dheireadh on 12:34, 7 dhen t-Samhain 2017
Tiotalan[deasaich | deasaich an tùs]
Gu geàrr: 'S e tiotal ainm na duilleig. Nì e soilleir do leughadairean cò air a bheil an duilleag a-mach. Chan fhaod an aon tiotal a bhith aig barrachd na aon duilleag. 'S e deagh thiotal tiotal a tha sgiobalta, furasta ri aithneachadh agus a tha co-chòrdail ri tiotalan eile.
Tiotal math[deasaich | deasaich an tùs]
'S e tiotal ainm na duilleig. Nì e soilleir do leughadairean cò air a bheil an duilleag a-mach. Chan fhaod an aon tiotal a bhith aig barrachd na aon duilleag.
- Dè th’ ann an tiotal math?
- Tiotal a thathas a’ cleachdadh ann an tùsan Gàidhlig earbsach eile (m.e. leabhraichean, air Radio nan Gàidheal, faclairean an latha-an-diugh msaa).
- Tha an t-ainm a tha aithnichte leis a’ mhòr-shluagh nas fheàrr na ainm oifigeil no ‘ceart’.
- Uaireannan 's beag fios a th’ ann air na tha aithniche leis a’ mhòr-shluagh agus feumar co-aonta a ruigsinn leis na cleachdaichean eile.
Seo eisimpleirean le tiotalan stèidhichte air an ainm cumanta, aithnichte, sgiobalta: Daoine
- Bill Clinton (chan e: William Jefferson Clinton)
- Lady Gaga (chan e: Stefani Germanotta)
Àiteachan
- An Rìoghachd Aonaichte (chan e: Rioghachd Aonaichte Bhreatainn is Eireann a Tuath )
Cuspairean eile
- Leomhann (chan e: pantera leo)
- Cruth an tiotail
- Cleachd ainm singilte, (Each, chan e: Eich)
- Ach mas ann mu bhuidheann a tha an duilleag (Beanntan na h-Andes)
- Seachnaich an t-allt (an, na). Tha alltan a’ leudachadh tiotalan aistean gun mòran susbaint agus faodaidh iad bhith doilleir nuair a thathas a’ lorg (Gàidhlig, chan e: a’ Ghàidhlig; Fàsach Sahara, chan e: Am Fàsach Sahara)
- Ach nuair a tha e na phàirt riatanach do ainm-àite (An Gearasdan, Na Stàitean Aonaichte)
- Seachnaich giorrachadh mì-shoilleir (Comhairle nan Eilean Siar, chan e: CnES; Bòrd na Gàidhlig, chan e: BnaG)
- Ach nuair a tha an giorrachadh nas ainmeile, nas aithnichte agus nas soilleire na an t-ainm slàn (NATO, chan e North Atlantic Treaty Organization; BBC, chan e: British Broadcasting Corporation)
- Cruth Gàidhlig ann no às?
- Na cuir Gàidhlig air ainm dhuine, ainm-àite no tiotal film msaa mura h-eil tiotal Gàidhlig aithnichte ann (faic Poileasaidhean na h-Uicipeid).
Eadar-dhealachadh[deasaich | deasaich an tùs]
- Dè nì mi ma bhios an dearbh ainm air diofar daoine/àiteachan/rudan?
Tha dà dhòigh gus eadar-dhealachadh a dhèanamh nuair a tha diofar duilleagan ann leis an aon tiotal; gan eadar-dhealachadh le (mìneachadh), agus le duilleagan soilleireachaidh.
Eadar-dhealachadh cumanta[deasaich | deasaich an tùs]
Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal le cromag , mas e an aon seòrsa rud a th' ann
- Inbhir Nis, Alba Nuadh
- Inbhir Nis, Alba
Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal (mar seo), mas e diofar sheòrsaichean rud a tha ann;
- Eabhraig Nuadh (stàit)
- Eabhraig Nuadh (baile)
- Iain Mac a' Ghobhainn (Iarsiadar)
Duilleag soilleireachaidh[deasaich | deasaich an tùs]
Faodar cuideachd duilleag soilleireachaidh a chur ri chèile a bhios a' cruinneachadh thiotalan a tha coltach ri chèile ach le barrachd mhìneachaidh. Airson eisimpleirean, faic:
Airson a chur an gnìomh, cruthaich duilleag leis an tiotal a tha sa chumantas. Chuir {{Soilleireachadh}} aig bonn na duilleig.
Ath-stiùireadh[deasaich | deasaich an tùs]
Faodar ath-stiùireadh (redirect) a chur ann a bhios a' stiùireadh an leughadair bho aon tiotal gu tiotal eile. Tha sin feumail nuair a bhios daoine a' lorg ainm le litreachadh beagan eadar-dhealaichte no fon ainm Beurla, m.e.
- Anne Lorne Gillies > Anna Latharna NicGillÌosa
- Am Puilean > Aonghas Caimbeul (Am Puilean)
- A' Ghàidhlig > Gàidhlig
- Dòmhnall Meek > An t-Ollamh Dòmhnall Meek
Gus ath-stiùireadh a chur an gnìomh:
- Cruthaich duilleag on a bhios an ath-stiùireadh a' dol m.e. Anne Lorne Gillies
- Anns an duilleag, chuir ann: #REDIRECT [[Tiotal eile]] mar eisimpleir: #REDIRECT [[Anna Latharna NicGillÌosa]]
Gluasad[deasaich | deasaich an tùs]
- Tha mi a' smaointinn gu bheil duilleag a' cleachdadh tiotal ceàrr. Dè nì mi?
[ri thighinn]