An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Poll Iù"

O Uicipeid
Content deleted Content added
+ dealbhan
Loidhne 45: Loidhne 45:


== Ceanglaichean a-mach ==
== Ceanglaichean a-mach ==
{{Commonscat|Poolewe|Poll Iù}}
* [http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/37256000 BBC Naidheachdan 2016-09-02: Taigh Inbhir Iù fosgailte]
* [http://www.nts.org.uk/Visit/Inverewe/ Poll Iù aig Urras Nàiseanta na h-Alba]


[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]

Mùthadh on 08:10, 15 dhen Iuchar 2017

Poll Iù

Suidheachadh
Poll Iù is located in Alba
Poll Iù
Poll Iù (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 45′ 54″
5° 36′ 14.4″
Comharradh-clèithe NG8580
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 230 ()
Àireamh fòn 01445
Còd-puist IV22

'S e baile beag aig ceann Loch Iùbh a th ' ann am Poll Iù (Beurla: Poolewe)[1] Tha e mu 4 mìle (6.5 km) ear-thuath air Geàrrloch air an rathaid A 832 agus mu dhà mhìle (3 km) iar air Loch Ma-ruibhe. Tha Abhainn Iubh a' sruthadh tron bhaile. 'S e aon de na h-aibhnichean as giorra ann an Alba a tha innte, tha i a' ruith airson mìle (1.6 km) eadar Loch Ma-ruibhe is a' mhuir.

Ainm na h-àite

A rèir William J. Watson 's e 'Abhainn Iù' a thuirt muinntir a‘ bhaile ris a‘ bhaile fhèin. Tha e den bheachd gur dòcha gun tàinig am facal 'iù' bhon fhacal 'eo' ann an Gàidhlig na h-Èireann agus a‘ ciallachadh craobh-iubhair.[2] Nochdaidh ainm a' bhaile mar 'Poll Iubh' no 'Abhainn Iubh' aig Iain Mac an Tàilleir.[3]

Oighreachd is Gàraidhean Inbhir Iù

Tha Oighreachd is Gàraidhean Inbhir Iù suidhichte tuath air a' bhaile. Chaidh na gàraidhean a chur air bhonn le Osgood MhicChoinnich anns na 1860an. Nuair a fhuair e an oighreachd cha robh ach aon chraobh a' fàs air a' chnoc chreagach seo leis an t-ainm 'Am Ploc Àrd'.[4] Tha an oighreachd cho mòr ri 20 ha agus na laighe dìreach air a' costa, gun fàsadh idir. Ged-tà, air sgàth Sruth a' Chuain Siar a Tuath agus le fàs chraobhan is togail bhallaichean chaidh an oighreachd a thionndadh gu àite tìorail. Chaochail Osgood ann an 1922, ach chum an nighean aige, Màiri Sawyer, ris an obair leasachaidh a thòisich e. Thog i taigh an seo anns na 1930an. Ged a bha na gàraidhean a' tàladh luchd-tadhail bho chionn fhada, cha robh an taigh fosgailte dhan phoball. Ann an 1952, bliadhna ro bhàs Màiri Sawyer, thug i an oighreachd do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba.[4] Ach thairis air na bliadhnaichean thuit an togalach ann an droch staid. San t-Sultain 2016 dh'fhosgail Taigh Inbhir Iù dhan phoball airson a' chiad uair a-riamh an dèidh £2m a chosg air obair-leasachaidh thairis air deich mìosan.[5]

Dealhan

Iomraidhean

  1. Poll Iù/ Poolewe”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Watson, William J. Watson (1904): Place Names of Ross and Cromarty. Inverness: The Northern counties Printing and Publishing Company, td. 230 -231. Air a thogail 15mh dhen Iuchar 2017. 
  3. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 96. Air a thogail 15mh dhen Iuchar 2017.
  4. 4.0 4.1 Inverewe Garden(Beurla). Undiscovered Scotland. Air a thogail 15mh dhen Iuchar 2017.
  5. Taigh Inbhir Iù fosgailte(Gàidhlig). BBA Naidheachdan. Air a thogail 15mh dhen Iuchar 2017.

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: