An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pardubice"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 24: Loidhne 24:
==Daoine Aimeil==
==Daoine Aimeil==
*[[Jaroslav Stark]] ([[1960]] - [[2010]])<ref>[https://www.theguardian.com/science/2010/jun/16/jaroslav-stark-obituary The Guardian]</ref>
*[[Jaroslav Stark]] ([[1960]] - [[2010]])<ref>[https://www.theguardian.com/science/2010/jun/16/jaroslav-stark-obituary The Guardian]</ref>
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of the Netherlands.svg|22px]] [[Doetinchem]]
*[[Faidhle:Flag of Scotland.svg|22px]] [[Lodainn an Ear]]
*[[Faidhle:Flag of Portugal.svg|22px]] [[Golegã]]
*[[Faidhle:Flag of Spain.svg|22px]] [[Jerez de la Frontera]]
*[[Faidhle:Flag of Bulgaria.svg|22px]] [[Pernik]]
*[[Faidhle:Flag of Italy.svg|22px]] [[Rosignano Marittimo]]
*[[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Schönebeck]]
*[[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Selb]]
*[[Faidhle:Flag of Slovenia.svg|22px]] [[Sežana]]
*[[Faidhle:Flag of Sweden.svg|22px]] [[Skellefteå]]
*[[Faidhle:Flag of Slovakia.svg|22px]] [[Vysoké Tatry]]
*[[Faidhle:Flag of Belgium.svg|22px]] [[Waregem]]


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

Mùthadh on 21:46, 1 dhen Iuchar 2017

Pardubice
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Seic
Ceàrn Pardubice
Sgìre Pardubický kraj
Co-chomharran 50° 02 19' Tuath
15° 46 45' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 77.71 km²
Àireamh-shluaigh 89,693 (2017)
Dlùths 1,154.2/km²
Àireamh fòn + 773
Duilleag oifigeil http://www.pardubice.cz/

'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: okres) ann an cridhe Poblachd nan Seiceach a th' ann am Pardubice (IPA: pardubɪtsɛ, Gearmailtis: Pardubitz). Tha Pardubice suidhichte faisg air Hradec Králové, eadar Pràg agus Ostrava san roinn (Seacais: kraj) Pardubický, aig comar nan Aibhnichean Labe (Gearmailtis: Elbe), agus Chrudimka, aig 237m os cionn ìre na mara. Tha 89,693 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an deicheamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1295 mar Pordoba nuair a thogadh mainistir an seo agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918.[2] Thathar dhen bheachd gur ann às an ainm Porydęba, a bha na mhanach às A' Phòlainn. Bho 1560 a-mach, bha rìghrean na Seice a fuireach ann. B' ann anns an 19mh Linn a thoisich am baile fhàs, air sàilleabh gun do dh'fhosgladh loidhne rèile eadar Pràg agus Olomouc ann an 1845, a dheidheadh tro Phardubice. Nochd mòran thaigh-ghnìomhachais mar Hübner-Opitz[3] (1866), Prokop (1872), Fano (1889) agus Franck (1897). Ann dèidh A' Chogaidh Mhòir b' e stuth ceimigeachd a bha aig teas-mheadhan eaconomaidh a' bhaile leis a' chompanaidh Explosia, a tha a' dèanamh semtex an seo fhathast.[4] Anns An Dàrna Chogadh sheas muinntir Phardubice an aghaidh nan Nàsach agus b' ann ann a seo a chuireadh air bhog ionnsaigh Reinhard Heydrich, a rinneadh ann am Pràg ann an 1942.[5] Thugadh droch pheanas air an sgìre air fad. Chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às a' bhaile is an dùthaich ann an 1946.

Daoine Aimeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. Pardubice
  3. Pardedie
  4. Explosia
  5. Heydrichiada
  6. The Guardian

Ceanglaichean A-mach