An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-bharganachadh"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "'S e pròiseas reiteachaidh eadar buidhnean luchd-obrach agus luchd-fastaidh a th' ann an '''Co-bharganachadh'''. 'S e gu bheil co-bharganachadh ag amas air c..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 12:29, 15 dhen Ògmhios 2017

'S e pròiseas reiteachaidh eadar buidhnean luchd-obrach agus luchd-fastaidh a th' ann an Co-bharganachadh. 'S e gu bheil co-bharganachadh ag amas air còrdaidhean a dhèanamh a thaobh thuarastail, cumhaichean obrach, sochairean, agus dòighean eile a tha ceangailte ri airgead-dìolaidh do luchd-obrach agus an cuid chòraichean. Bidh riochdairean aonaidhean-ciuird a' togail guth nan luchd-obrach dham buineadh iad. Mar as àbhaist cuiridh na co-aontachaidhean a reiticheas na aonaidhean-ciuird as leth am buill air bhonn rudan mar sgalaichean thuarastail, uairean-obrach, treanadh, slàinte is sàbhailteachd, seach-thim is modhan chùisean-gearain, a bharrachd air coirichean pairt a ghabhail ann an gnothaichean na companaidh.

‘S urrainn do dh’aonaidhean-ciuird reiteachadh le aon neach-fastaidh (,ar as abhaist a’ riochdachadh shareholders na companaidh) air neo buidheann de luchd-fastaidh a reir na duthcha, gus co-aontachaidhean airson a’ghnìomhachais air fad a dheanamh. Bidh co-chordadh ag obrachadh mar chumhnant obrach eadar luchd-fastaidh agus na h-aonaidhean-ciuird. Ann an co-bharganachadh bidh proiseas reiteachaidh ann eadar riochdairean nan naonaidhean-ciuird agus riochdairean nan luchd-fastaidh (mar as abhaist air a riochdachadh le sgioba-stiùiridh na companaidh, no, ann an corr dhuthaich mar An Ostair, An t-Suain agus Na Tirean Isle, air a riochdachadh le comann luchd-fastaidh) a thaobh chumhaichean obrach nan daoine, mar thuarastail, uairean-obrach, cumhaichean obrach is modhan chùisean-gearain, a thuilleadh air coirichean agus aonaidhean-ciuird. ‘S e Cordadh co-bharganachaidh a chanar ris.

Thoisich co-bharganachadh naiseanta ann an siostam foghlam na h-Alba ann an 1939. A-nis thathar ga dheanamh tron chomataidh SNCT (Comataidh Reiteachadh na h-Alba do Luchd-teagaisg).