An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair Caimbeul"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Taga: 2017 source edit
Loidhne 53: Loidhne 53:
*[http://www.bbc.co.uk/voices/recordings/individual/nangaidheal-ness-campbell-alasdair.shtml Guth aige air a BhBC]. Cuideachd aig [https://web.archive.org/web/20090126135726/http://www.bbc.co.uk/voices/recordings/individual/nangaidheal-ness-campbell-alasdair.shtml Archive.org]
*[http://www.bbc.co.uk/voices/recordings/individual/nangaidheal-ness-campbell-alasdair.shtml Guth aige air a BhBC]. Cuideachd aig [https://web.archive.org/web/20090126135726/http://www.bbc.co.uk/voices/recordings/individual/nangaidheal-ness-campbell-alasdair.shtml Archive.org]
*[https://web.archive.org/web/20151210172341/http://www.scotsman.com/lifestyle/o-choinneach-mor-gu-eilean-nog-an-turas-annasach-aig-alasdair-caimbeul-1-1887263 Lèirmheas] air 'Cuid a' chorra-ghrithich' le R. Black. Foillsichte 1 Dàmhair 2011.
*[https://web.archive.org/web/20151210172341/http://www.scotsman.com/lifestyle/o-choinneach-mor-gu-eilean-nog-an-turas-annasach-aig-alasdair-caimbeul-1-1887263 Lèirmheas] air 'Cuid a' chorra-ghrithich' le R. Black. Foillsichte 1 Dàmhair 2011.
*[http://www.scotsman.com/news/ce-242-l-nach-m-236-ch-242-rdadh-ri-r-236-gh-d-224-ibhidh-nan-salm-1-766246 "Ceòl nach mì-chòrdadh ri Rìgh Dàibhidh nan Salm" aiste a sgrìobh Caimbeul] mun chiad uair a choinnich e am fìdhlear Aonghas Grannd.

{{DEFAULTSORT:Caimbeul, Alasdair}}
{{DEFAULTSORT:Caimbeul, Alasdair}}
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]

Mùthadh on 19:58, 26 dhen Ghiblean 2017

Teamplaid:Sgrìobhadair

'S e Alasdair Caimbeul (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à Nis, Leòdhas.

A bheatha

Rugadh e an 27 Cèitean 1941 ann an Dail bho Dheas, Nis, Leòdhas.[1][2] 'S e a bhràthair an sgrìobhadair Tormod Caimbeul (Tormod A' Bhocsair). 'S e Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) an t-ainm a bh' air an athair, agus b' e sgrìobhadair ainmeil Gàidhlig eile a bh' ann an uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean). Dh'fhuireach e ann an Drochaid Chonain an Siorramachd Rois anns an 90an.[1]

Obair sgrìobhaidh

Tha e air dealbhan-cluiche, sgeulachdan goirid agus nobhailean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Thòisich e a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an 1984.[1] 'S e Bùth a' Bhaile a' chiad dealbh-chluich a sgrìobh e.[3] Bha e an sàs ann am buidhnean dràma, nam measg 'Na Nisich' ann an Leòdhas agus Cluicheadairean Loch Aillse.[3] Bho 1988 gu 1990 bha e na sgrìobhaiche ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.[1] Sgrìobh esan na nobhailean The Nessman agus Visiting the Bard ann am Beurla.

Bhuannaich e Duais Gasaet Steòrnabhaigh air dealbh-cluich ùr ann an 2009 aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail, agus Duais Dhòmhnaill Mheek ann an 2015 airson an nobhail aige, Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo.[4][5]

Clàr-leabhraichean Gàidhlig

  • 1995. Cha Sgeul Ruin E: Taghadh De Sgeulachdan O Chaochladh ùghdaran, Acair, ISBN 0861521854
  • 1989. le Aonghas MacDhòmhnaill Murchadh agus Am Bradan Steòrnabhagh: Acair
  • nobhail don òigridh
  • 1990. Trì dealbhan-cluiche Slèite, An t-Eilean Sgitheanach: Clò Ostaig ISBN 0951641905
  • Ro-ràdh (dha Magaidh Choineagan)
  • Bùth a' Bhaile
  • A' Home Brew
  • Dol a dh'fhaicinn Nighean an Rìgh
  • An staffroom
  • Toiseach an earraich
  • An sgrìobhaiche
  • 'S e seo do bheatha
  • Na craoladairean
  • Am fear a chaidh dhan eilean.
  • 2016. Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo[6][7]

Clàr-leabhraichean Beurla


Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair
  2. BBC Voices: Alasdair Caimbeul
  3. 3.0 3.1 Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, d.7
  4. The Donald Meek Awards 2016”. The Stornoway Gazette. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2017.
  5. Tòraidhean a' Mhòid 2009.
  6. BBC Naidheachdan 2015-08-28: Duais Dhòmhnaill Mheek a' dol a Nis
  7. Comhairle nan Leabhraichean: Duais Dhòmhnaill Meek 2015

Ceangailean a-muigh