An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uicipeid:Ro-ràdh"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Neo-dhèan mùthadh 525949 leis Szm00156 (an deasbaireachd)
ùrachadh leis na còig colbhan
Loidhne 1: Loidhne 1:
'''Dè a tha ann an Uicipeid?'''


=== Dè a th' ann an Uicipeid? ===
'S e Uicipeid [[leabhar-eòlais]] saor an asgaidh a thathar a' sgrìobhadh leis na daoine a tha ga chleachdadh.
'S e Uicipeid [[leabhar-eòlais]] saor air loidhne a thèid a sgrìobhadh leis na daoine a tha ga chleachdadh.


== Na Còig Colbhan ==
'''Ciamar a dh'fhaodas sibh cuideachadh'''
‘S e bun-stèidh a h-uile Uicipeid còig colbhan ris an gabh a h-uile duine. 'S iad:


=== Leabhar-eòlais ===
Na gabh eagal ro dheasachadh - faodaidh ''a h-uile duine'' cha mhòr a h-uile duilleag a dheasachadh. Lorg rudeigin a dh'fhaodas sibh a leasachadh agus dèan sin nas fheàrr – mar eisimpleir, cuir susbaint ris no cuir ceart litreachadh, gràmar no briathrachas.
‘S e leabhar-eòlais a th’ ann an Uicipeid.
''Chan e'' gin de na rudan a leanas a th’ ann
* faclair
* blog
* pàipear-naidheachd
* fòram
* àite airson sanasan-reic
* àite airson beachdan pearsanta no argumaidean a sgaoileadh (faic Colbh 4 - Modh ).


=== Sealladh neo-thaobhach ===
Cuimhnichibh nach tèid agaibh air Uicipeid a bhriseadh – dh'fhaodhadh gach deasachadh dona a bhith a' neo-dhèanamh no a' cur air dòigh. Dìreach briog '''Seall an ro-shealladh''' airson ur n-atharrachaidhean fhaicinn agus '''Sàbhail an duilleag''' nuair a tha thu riaraichte leis mar a tha iad a' coimhead.
Tha Uicipeid a’ tabhann sealladh neo-thaobhach: 's e fiosrachadh a ghabhas a dhearbhadh seach beachdan pearsanta a bhios ann.
Faodaidh tu iomradh a thoirt air beachdan dhaoine eile air cuspair cho fad 'sa bhios e soilleir gur e beachd a th’ ann agus cò aig a bheil am beachd ud. Mar eisimpleir am beachd a bh' aig [[Uilleam MacBhatair|Uilleam MacBhàtair]] air bàrdachd [[Alasdair MacGriogair|Alasdair MhicGriogair]].

Ma sgrìobhas tu air cuspair connspaideach, feuch gach taobh air a’ chuspair a shealltainn gu cothromach gus am bi fios aig an leughadair air eachdraidh a’ chonnspaid. Thoir an aire air tùsan earbsach a chur ris an aiste cuideachd. Airson eisimpleir, faic na diofar bheachdan air a' bhuaidh a bh' aig [[Achd na Croitearachd (1886)#Buaidh na h-achda|Achd na Croitearachd (1886)]].

=== Susbaint a tha saor ri leughadh ===
Tha an susbaint a th’ air Uicipeid saor ri fhaicinn air an eadar-lìn don h-uile duine. Faodar cuideachd an susbaint (sgrìobhadh, dealbhan, msaa) a chleachdadh, atharrachadh gu cruth eile agus sgaoileadh - cho fad ’s a bhios ceangal URL ann dhan aiste Uicipeid às an tàinig e.
Ma sgrìobhas tu teacs ma chuireas tu dealbh no dad sam bith air Uicipeid, chan eil ''copyright'' agad tuilleadh air an susbaint sin. Tha cead aig duine sam bith susbaint Uicipeid a leigeil mu sgaoil fo chùmhnantan [[:en:Wikipedia:Text_of_Creative_Commons_Attribution-ShareAlike_3.0_Unported_License|Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0]] (ron 15mh Iuchar 2009 fon [[Uicipeid:Cead GNU Aithriseachd Saor|Chead GNU Aithriseachd Saor]]).
Sgrìobh na h-aistean leat fhèin. Na dèan ''“copy and paste”'' idir, idir. Ge be mas e à duilleagan làrach-lìn, leabhraichean no bho aistean eile a th' annta, mar is trice tha iad fo ‘''copyright''’.

=== Spèis, Modh agus Aonta ===
Thathas an dùil ri co-obrachadh eadar cleachdaichean a tha stèidhichte air spèis agus modh do chleachdaichean eile.
Mura h-eil thu ag aontachadh le rudeigin a chì thu, cleachd an duilleag deasbaireachd a th' aig gach duilleag airson aonta fhaighinn agus còmhstri a rèiteachadh. Leis gu bheil a h-uile duine a bhios ag obair air Uicipeid a’ cur tìde agus oidhirp a-steach, thoir an aire gun toir thu spèis dhaibh mar a dh’iarradh tu fhèin bhuapa. Bi foighidneach le cleachdaichean eile - cuimhnich gu bheil daoine ann a bhios a’ fàs eòlach air dòighean Uicipeid fhathast agus 's dòcha le laigsean a thaobh comas sa Ghàidhlig.

Thèid cleachdaichean a bhacadh bho Uicipeid ma tha iad mì-mhodhail do chleachdaichean eile gu tric.

Faodar còmhstri a rèiteachadh le bhith modhail, gun chaothach agus gun a bhith toirt slaic do chleachdaichean eile.

=== ‘Riaghailtean’ sùbailte ===
Chan eil gin de na riaghailtean no poileasaidhean ann nach gabh atharrachadh ma tha aonta ann le mòr-chuid na coimhearsnachd.

==Tuilleadh Fiosrachaidh==
Airson fios mu obrachadh Uicipeid faic
* [[Uicipeid:Poileasaidhean na h-Uicipeid|Poileasaidhean na h-Uicipeid]]

Mùthadh on 17:11, 5 dhen Ghiblean 2017

Dè a th' ann an Uicipeid?

'S e Uicipeid leabhar-eòlais saor air loidhne a thèid a sgrìobhadh leis na daoine a tha ga chleachdadh.

Na Còig Colbhan

‘S e bun-stèidh a h-uile Uicipeid còig colbhan ris an gabh a h-uile duine. 'S iad:

Leabhar-eòlais

‘S e leabhar-eòlais a th’ ann an Uicipeid. Chan e gin de na rudan a leanas a th’ ann

  • faclair
  • blog
  • pàipear-naidheachd
  • fòram
  • àite airson sanasan-reic
  • àite airson beachdan pearsanta no argumaidean a sgaoileadh (faic Colbh 4 - Modh ).

Sealladh neo-thaobhach

Tha Uicipeid a’ tabhann sealladh neo-thaobhach: 's e fiosrachadh a ghabhas a dhearbhadh seach beachdan pearsanta a bhios ann. Faodaidh tu iomradh a thoirt air beachdan dhaoine eile air cuspair cho fad 'sa bhios e soilleir gur e beachd a th’ ann agus cò aig a bheil am beachd ud. Mar eisimpleir am beachd a bh' aig Uilleam MacBhàtair air bàrdachd Alasdair MhicGriogair.

Ma sgrìobhas tu air cuspair connspaideach, feuch gach taobh air a’ chuspair a shealltainn gu cothromach gus am bi fios aig an leughadair air eachdraidh a’ chonnspaid. Thoir an aire air tùsan earbsach a chur ris an aiste cuideachd. Airson eisimpleir, faic na diofar bheachdan air a' bhuaidh a bh' aig Achd na Croitearachd (1886).

Susbaint a tha saor ri leughadh

Tha an susbaint a th’ air Uicipeid saor ri fhaicinn air an eadar-lìn don h-uile duine. Faodar cuideachd an susbaint (sgrìobhadh, dealbhan, msaa) a chleachdadh, atharrachadh gu cruth eile agus sgaoileadh - cho fad ’s a bhios ceangal URL ann dhan aiste Uicipeid às an tàinig e. Ma sgrìobhas tu teacs ma chuireas tu dealbh no dad sam bith air Uicipeid, chan eil copyright agad tuilleadh air an susbaint sin. Tha cead aig duine sam bith susbaint Uicipeid a leigeil mu sgaoil fo chùmhnantan Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 (ron 15mh Iuchar 2009 fon Chead GNU Aithriseachd Saor). Sgrìobh na h-aistean leat fhèin. Na dèan “copy and paste” idir, idir. Ge be mas e à duilleagan làrach-lìn, leabhraichean no bho aistean eile a th' annta, mar is trice tha iad fo ‘copyright’.

Spèis, Modh agus Aonta

Thathas an dùil ri co-obrachadh eadar cleachdaichean a tha stèidhichte air spèis agus modh do chleachdaichean eile. Mura h-eil thu ag aontachadh le rudeigin a chì thu, cleachd an duilleag deasbaireachd a th' aig gach duilleag airson aonta fhaighinn agus còmhstri a rèiteachadh. Leis gu bheil a h-uile duine a bhios ag obair air Uicipeid a’ cur tìde agus oidhirp a-steach, thoir an aire gun toir thu spèis dhaibh mar a dh’iarradh tu fhèin bhuapa. Bi foighidneach le cleachdaichean eile - cuimhnich gu bheil daoine ann a bhios a’ fàs eòlach air dòighean Uicipeid fhathast agus 's dòcha le laigsean a thaobh comas sa Ghàidhlig.

Thèid cleachdaichean a bhacadh bho Uicipeid ma tha iad mì-mhodhail do chleachdaichean eile gu tric.

Faodar còmhstri a rèiteachadh le bhith modhail, gun chaothach agus gun a bhith toirt slaic do chleachdaichean eile.

‘Riaghailtean’ sùbailte

Chan eil gin de na riaghailtean no poileasaidhean ann nach gabh atharrachadh ma tha aonta ann le mòr-chuid na coimhearsnachd.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Airson fios mu obrachadh Uicipeid faic