An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Status quo ante bellum"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Neo-dhèan mùthadh 526472 leis 138.51.119.84 (an deasbaireachd) bhandalachd
bNo edit summary
 
Loidhne 8: Loidhne 8:


[[Roinn-seòrsa:Cogadh]]
[[Roinn-seòrsa:Cogadh]]
[[Roinn-seòrsa:Cànain]]
[[Roinn-seòrsa:Cànain Eadailteach]]

Am mùthadh mu dheireadh on 03:25, 25 dhen Ghearran 2017

'S i abairt Laidinneach a tha ann an "status quo ante bellum" a tha a' ciallachadh "mar a bha rudan ron a' chogadh".

Aig an tòiseach, chleachdadh an abairt seo airson an t-suidheachadh aig deireadh chogaidhean neo bhlàr as dèidh dhan nàmhaid fhalbh agus nuair a chuireadh an riaghaltas (a chaich a phutadh a-mach à cumhachd roimhe) na àite a-rithist. Nuair a chleachdar i mar seo, bidh i a' ciallachadh nach do dh'atharraich crìochan, còir eaconomaigeach, neo còir poileataigeach air sgàth na strì.

Air a chaochladh, tha an abairt Laidinneach "uti possidetis" a' ciallachadh gum bi gach taobh an sàs anns an strì a' cumail cumhachd neo smachd air gach nì mar a bhios iad aig deireadh a' chogaidh.

Bhon abairt seo, tha "status quo" agus "status quo ante" air a thighinn. Anns Na Stàitean Aonaichte, bithear a' bruidhinn air an àm ron a' Chogadh Chatharra Ameireaganach nuair a chleachdar "antebellum". Anns an Roinn-Eòrpa agus àiteachan eile, tha seo a' ciallachadh an ama ron a' Chogadh Mhòr.