An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig na h-Èireann"
Content deleted Content added
bNo edit summary |
bNo edit summary |
||
Loidhne 90: | Loidhne 90: | ||
{{Cànain Ceilteach}} |
{{Cànain Ceilteach}} |
||
[[Roinn-seòrsa: |
[[Roinn-seòrsa:Cànanan Goìdhealach]] |
||
[[Roinn-seòrsa:Èirinn]] |
[[Roinn-seòrsa:Èirinn]] |
Mùthadh on 03:08, 25 dhen Ghearran 2017
Tha Gàidhlig na h-Èireann (An Ghaeilge), ’na cànan Innd-Eòrpach. San latha an diugh tha eadar 100,000 agus 2,000,000 aig a bheil an cànan gu ìre air choireigin, ach chan eil ach mu 70,000-80,000 ga chleachdadh bho latha gu latha mar chànan-còmhraidh.
Chreideadh le fada gur ann o Èirinn a thànaig na Gàidheil a dh’Alba agus Manainn agus ’s e seo am beachd as cumanta, ach tha argamaid ann eadar àrc-eòlaichean agus luchd-eachdraidh agus tha cuid den bheachd gun robh Gàidheil air taobh an Iar Alba fada ron 5mh Linn.
- Gàidhlig – Ciamar a tha thu?
- Gàidhlig Mhanannach – Kys t'ou? (= Cionas ta u)
- Gàidhlig Ultach – Caidé mar a tá tú?, neo Cad é mar atá tú?
- Gàidhlig na h-Èireann chumanta – Conas atá tú?
- Gàidhlig Mhuimhneach – Conas taoi?, Conas tánn tú?
- Gàidhlig Chonnachtach – Cén chaoi a bhfuil tú?
- Gàidhlig – Chan eil airgead agam.
- Gàidhlig Mhanannach – Cha nel argid aym.
- Gàidhlig na h-Èireann chumanta – Níl airgead agam.
Gàidhlig na h-Alba | Gàidhlig na h-Èireann |
---|---|
Gàidheal | Gael |
latha | lá |
oidhche | oíche |
a-steach | isteach |
sgoil | scoil |
pàisde | páiste |
ùghdarras | údarás |
oifis/oifig | oifig |
fosgailte | oscailte |
bliadhna | bliain |
rèidio | raidió |
riaghaltas | rialtas |
pàrlamaid | parlaimint |
eilean | oileán |
bruidhinn | caint |
cnatan | slaghdán |
rathad | bóthar |
ministear | aire |
ann an | i |
Ceanglaichean a-mach
- Eadar-theangachadh Gàidhlig-Gaeilge le InterGaelic
- Faclairean Gaeilge-Gàidhlig agus Gàidhlig-Gaeilge tro Multidict.
- Faclair Gàidhlig-Gaeilge le Kevin Scannell (pdf)
- Gluais Albanach-Éireannach le Ciarán Ó Duibhín
- Gàidhlig agus Gaeilge - duilleag le Caoimhín Ó Donnaíle aig SMO
- Blasad Gaeilge - leasanan Gaeilge tro mheadhan na Gàidhlig
|