An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uisge-beatha"
→Roinntean Uisge Beatha ann an Alba: mearachdan litreachaidh |
b →Uisge-beatha na h-Alba: mearachdan litreachaidh |
||
Loidhne 16: | Loidhne 16: | ||
'S e deoch nàiseanta na h-[[Alba]] a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho [[Èirinn]] gu [[Dail Riada]]. |
'S e deoch nàiseanta na h-[[Alba]] a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho [[Èirinn]] gu [[Dail Riada]]. |
||
Dhèanadh na |
Dhèanadh na Gàidheil uisge-beatha dhaibh fhèin ann am ''poit-dhubh'', ach nise, is e gniomhachas mòr a th' ann, agus bithidh ''grùdairean'' proifeasanta a' deànamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra. |
||
== Roinntean Uisge Beatha ann an Alba == |
== Roinntean Uisge Beatha ann an Alba == |
Mùthadh on 19:05, 27 dhen Fhaoilleach 2017
Is e uisge beatha spiorad dibhe làidir a tha air a dhèanamh le gràn. Gu h-àbhaisteach, tha uisge-beatha à Alba neo Èirinn, is ann à Aimearaga a tha bourbon. Tha uisge beatha, mar is àbhaist, buidhe is trid-shoilleir.
Gu tradiseanta, tha uisge beatha air tarraing a braich, se sin eòrna a th'air brachadh (toirnichte). As dèidh sin, thèid a thiormachadh os cionn teine mhòine, a chuireas blas so-aithnichte ris an deoch.
Is e an ath cheum a leaghadh na bracha tiormaichte ann an uisge a dhèanamh brailis (ris an abrar, cuideachd, dile no mir). Sin, cuirear beirm gus an tòiseach am brachadh a dhèanamh caochan.
Thèid an caochan a tharraing dà no trì uair ann am poit-staile. (As deidh ceithir tarraing, is e uisge beatha baoghal a bhitheas ann).
Uisge-beatha na h-Alba
'S e deoch nàiseanta na h-Alba a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho Èirinn gu Dail Riada.
Dhèanadh na Gàidheil uisge-beatha dhaibh fhèin ann am poit-dhubh, ach nise, is e gniomhachas mòr a th' ann, agus bithidh grùdairean proifeasanta a' deànamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.
Roinntean Uisge Beatha ann an Alba
Faodaidh na braichean Albannach a dhealaichear ann an seachd roinntean tìr-eòlasach: Ìle, a' Ghaidhealtachd, Srath Spè, a' Ghalltachd, na h-Eileanan Siar, agus Ceann Loch Chille-Chiarain.
Seo cuid de na taighean-staile ainmeil: