An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Nimíipuu"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b mearachd litreachaidh
b chuir mi ris an iomraidhean
Loidhne 9: Loidhne 9:


Ged a gheall an seanarail gum b’ urrainn don Nimíipuu tilleadh don dùthaich aca, cha do leig an t-ùghdarras Aimeireagach. B’ fheudar dhen Nimíipuu fuireach ann an [[Oklahoma]]; chaochail mòran duine leis an acras is an galar.
Ged a gheall an seanarail gum b’ urrainn don Nimíipuu tilleadh don dùthaich aca, cha do leig an t-ùghdarras Aimeireagach. B’ fheudar dhen Nimíipuu fuireach ann an [[Oklahoma]]; chaochail mòran duine leis an acras is an galar.

==Iomraidhean==
* Beal, Merrill D. ''"I Will Fight No More Forever": Chief Joseph and the Nez Perce War''. Seattle: University of Washington Press, 1963.
* Bial, Raymond. ''The Nez Perce''. New York: Benchmark Books, 2002. ISBN 0-7614-1210-7.

Mùthadh on 20:52, 22 dhen Fhaoilleach 2017

Nimíipuu

’S e gnàth-mhuinntir Aimeireagach a tha ann an Nimíipuu ([nimiːpuː]; “Nez Perce” sa Bheurla). Tha iad às na crìochan eadar Washington, Idaho, agus Oregon anns na Stàitean Aonaichte. Tha tèarmann thùsanach nan Nimíipuu ann an Idaho.

’S e cànan Sahaptian a tha ann an cànan nan Nimíipuu. Tha an cànan aig nas lugha na ceud daoine san latha an-diugh; tha Beurla aig a h-uile daoine.

Ruaig nan Nimíipuu

Ri 19mh linn, thàinig tuinichean geala do dhùthaich nan Nimíipuu. Bha feadhainn ag iarraidh tuathanas a dhèanamh air an talamh torrach agus bha duine eile ag iarraidh oir a thochladh. Cha robh an ùghdarras poblach a’ cur casaid às leth nan tuinichean a rinn eucoir air na Nimíipuu. Ann an 1877, thionndaidh corra dhuine òga Nimíipuu gu ainneart, muirt nan càirdean a dhìoghladh air an nàimhdean. Thàinig air 750 Nimíipuu a theich. Rinn iad corr math is mìle mìltean, tro Idaho, Wyoming, agus Montana; bha aca a shabaid ris an armailt gu tric, aig White Bird Canyon, Camas Meadows, agus am Big Hole. Bha iad ag iarraidh fuireach còmhla ris na Apsáalooke (“Crow” sa Bheurla), gnàth-mhuinntir Mhontana, ach cha b’ urrainn dhaibh oir bha feagal air na Apsáalooke ro pheanas an ùghdarrais Aimeireagach. Lorg na fògarraich Nimíipuu tèarmann còmhla ri Sitting Bull agus na Lakȟóta (“Sioux” sa Bheurla) ann an Canada, ach chaill iad Blàr Mhonaidh Bear Paw faisg air a' chrìoch Canadach. Theich White Bird, ceann-feachd Nimíipuu, agus feadhainn eile do Chanada an dèidh sin, ach ghèill na cinn-fheachd eile don t-seanarail Aimeireagach, Nelson A. Miles. Tha an òraid liubhairt a rinn aonar dhiubh, Chief Joseph, ainmeil fhathast.

Ged a gheall an seanarail gum b’ urrainn don Nimíipuu tilleadh don dùthaich aca, cha do leig an t-ùghdarras Aimeireagach. B’ fheudar dhen Nimíipuu fuireach ann an Oklahoma; chaochail mòran duine leis an acras is an galar.

Iomraidhean

  • Beal, Merrill D. "I Will Fight No More Forever": Chief Joseph and the Nez Perce War. Seattle: University of Washington Press, 1963.
  • Bial, Raymond. The Nez Perce. New York: Benchmark Books, 2002. ISBN 0-7614-1210-7.