An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Hiort"
No edit summary |
|||
Loidhne 12: | Loidhne 12: | ||
Tha na h-eileanan ris an canar '''Hiort''', a’ chuid as iomallaiche a dh'[[Alba]], 41 [[mìle]] (68 [[cilemeatair]]) an iar air [[Beinn na Faoghla]] ann an [[Innse Gall]] na h-[[Alba]]. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na [[Roinn Eòrpa]] airson [[eòin-mhara]]. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an [[1930]], thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch. |
Tha na h-eileanan ris an canar '''Hiort''', a’ chuid as iomallaiche a dh'[[Alba]], 41 [[mìle]] (68 [[cilemeatair]]) an iar air [[Beinn na Faoghla]] ann an [[Innse Gall]] na h-[[Alba]]. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na [[Roinn Eòrpa]] airson [[eòin-mhara]]. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an [[1930]], thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch. |
||
Dh'fhàg an còigeamh [[Iarla Bhòid]] Hiort aig [[Urras Nàiseanta na h-Alba]] mar dhìleab ann an [[1957]]. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar [[Tèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair|Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair]] ([[Dualchas Nàdair na h-Alba]] a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do [[Ministreachd an Dìon|Mhinistreachd an Dìon ]] mar stèisean-lorgaidh [[ràdar|ràdair]] airson raon nan urchraichean ann am Beinn |
Dh'fhàg an còigeamh [[Iarla Bhòid]] Hiort aig [[Urras Nàiseanta na h-Alba]] mar dhìleab ann an [[1957]]. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar [[Tèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair|Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair]] ([[Dualchas Nàdair na h-Alba]] a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do [[Ministreachd an Dìon|Mhinistreachd an Dìon ]] mar stèisean-lorgaidh [[ràdar|ràdair]] airson raon nan urchraichean ann am Beinn na Faoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an [[1976]] airson 25 bliadhna eile.) |
||
__NOTOC__ |
__NOTOC__ |
||
[[Faidhle:St Kilda Stac Lee.jpg|thumb|right|Stac Lì]] |
[[Faidhle:St Kilda Stac Lee.jpg|thumb|right|Stac Lì]] |
Mùthadh on 18:43, 9 dhen t-Sultain 2016
Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn na Faoghla ann an Innse Gall na h-Alba. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.
Dh'fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistreachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn na Faoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)
An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministreachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus prògram glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.
Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.
An dèidh don RAF an t-eilean a' gabhail os làimh ann an 1957, bha Seumas A. MacAoidh na oifigeach-fhoghluim airson a rèiseamaid. Bha e thall air Hiort agus chunnaic e cia mar a bha beatha nam balach a bha an urra ris nan rocaidean an sin. Sgrìobh e alt toil-inntinneach leis an tiotal Hiort an Diugh a chaidh fhoillseachadh ann an GAIRM Leabhar VIII, 1959-60. Rinn e luaidh air alt eile le Tim Weir mu Hiort, a thàinig a-mach ann an Gairm an Earraich,1958.
Ionad fiosrachaidh
Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogail ann am Mangurstadh ann an Ùig Leòdhais.[1]
Sgrìobhaidhean mu Hiort
Sgrìobh Màrtainn MacGilleMhàrtainn mun chuairt a rinn e do Hiort ann an 1697 anns an leabhar A Late Voyage to St Kilda. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1698.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
- Hiort - Urras Nàiseanta na h-Alba Làrach Dhualchas na Cruinne
- Eachdraidh Hiort bho GRD Stòr-dàta
- BBC Naidheachdan 2013-11-20: Adhartas do dh’Ionad Hiort
- BBC Naidheachdan 2014-07-01: Ialtag air fhaicinn ann an Hiort
- BBC Naidheachdan 2015-01-16: Leabhar-là Hiort a’ dol air-loidhne
- BBC Naidheachdan 2015-02-26: Planaichean ionad Hiort gam foillseachadh
- BBC Naidheachdan 2015-08-17: Sgioba snàmh Hiort air na Hearadh a ruighinn
- BBC Naidheachdan 2016-04-07: Dh’eug an Hiortach mu dheireadh