An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Edward Said"
b →Aistean co-cheangailte: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|en}} using AWB (10903) |
b ceartachadh ceann-latha |
||
Loidhne 3: | Loidhne 3: | ||
| DEALBH = SaidSis.jpg |
| DEALBH = SaidSis.jpg |
||
| RUGADH = [[Faidhle:Palestine-Mandate-Ensign-1927-1948.svg|22px]] [[Ierusalem]] 1 [[An t-Samhain]] [[1935]] |
| RUGADH = [[Faidhle:Palestine-Mandate-Ensign-1927-1948.svg|22px]] [[Ierusalem]] 1 [[An t-Samhain]] [[1935]] |
||
| BÀS = [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]] |
| BÀS = [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]] [[25 an t-Sultain]] [[2003]] |
||
| OBAIR = [[ |
| OBAIR = [[Cànanaiche]] |
||
| CÀNAN = [[Arabais]]/[[Beurla]] |
| CÀNAN = [[Arabais]]/[[Beurla]] |
||
| LINN = [[20mh linn]] |
| LINN = [[20mh linn]] |
||
Loidhne 14: | Loidhne 14: | ||
== Aistean co-cheangailte == |
== Aistean co-cheangailte == |
||
* [[Orientalism (leabhar)]] |
* [[Orientalism (leabhar)]] |
||
Mùthadh on 08:11, 14 dhen Lùnastal 2016
B' e sgoilear Palastainianach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an Ierusalem air 1 an t-Samhain 1935 nuair a bha Palastain fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (Easbaigeachas) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor-òigridh ann an sgoiltean Ierusalem, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Iosrael is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn-Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air 25 an t-Sultain 2003.