An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Louis Charles Delescluze"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 17: Loidhne 17:


== Urraman ==
== Urraman ==
Ann an [[1930]], is mòr-chuid aig na Sòisealaich agus na [[Co-mhaoineas|Comunnaich]] sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 11mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.<ref>[http://www.v2asp.paris.fr/commun/v2asp/v2/nomenclature_voies/Voieactu/1831.nom.htm Mairie de Paris]</ref>
Dh'ainmicheadh iomadh sràid sa Phòlainn an a dhèidh agus b' e ''Dąbrowszczacy'' a chanadh ri na Pòlainnich a shabaid airson na [[Dàrna Poblachd na Spàinne|Poblachd]] anns a' Cliath-chòmhraig Dhąbrowski, aig àm [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]], eadar [[1936]] agus [[1939]].


== Aistean co-cheangailte ==
== Aistean co-cheangailte ==

Mùthadh on 19:48, 22 dhen Ògmhios 2016

Louis Charles Delescluze
Fiosrachadh
Rugadh Dreux, 2 an Dàmhair, 1809
Bàs Paris, 25 an Cèitean 1871)
Dreuchd Saighdear, Oifigear, Rèabhlaideach sòisealach
Cànan Fraingis
Dùthaich An Fhraing
Creideamh Neo-dhiadhaire

B' e fear-poileataigs, fear-aithris agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Louis Charles Delescluze (Dreux, 2 an Dàmhair, 1809 - Paris, 25 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Phais agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.

Beatha

Rugadh e ann an Dreux, eadar Chartres agus Évreux, ann an ceann an tuath na Frainge.[2] nuair a bha an dùthaich fhathast fo bhuaidh Napoleon Bonaparte agus thogadh e tro bliadhnaichean dorcha na rìoghachd an a dhèidh. Bhuineadh e do theaghlach bhùirdeasach agus rinn e lagh san oilthigh ann am Paris. Cha robh e ach 21 bliadhna a dh' aois nuair a bha e an lùib na còmhstri airson na saorsa.

Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Jarosław Dąbrowski, Eugène Varlin agus Auguste-Jean-Marie Vermorel. B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e 62 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Chaidh a mharbhadh a' dìon na rèabhlaide.

Urraman

Ann an 1930, is mòr-chuid aig na Sòisealaich agus na Comunnaich sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 11mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.[3]

Aistean co-cheangailte

Ceanglaichean A-muigh

Iomraidhean

  1. Marcel Dessal, Un révolutionnaire jacobin, Charles Delescluze, 1809 - 1871, 1952
  2. Muzeum Niepodległości w Warszawie
  3. Mairie de Paris