An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Christine Primrose"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 29: Loidhne 29:
Tha '''Christine Primrose''' ([[17 an Gearran]] [[1950]] — fhathast beò) na seinneadair [[Gàidhlig]] agus tidsear-ciùil. Rugadh i ann an [[Càrlabhagh]], [[Eilean Leòdhais]], ach tha i a' fuireach anns an [[Eilean Sgitheanach]] a-nis.
Tha '''Christine Primrose''' ([[17 an Gearran]] [[1950]] — fhathast beò) na seinneadair [[Gàidhlig]] agus tidsear-ciùil. Rugadh i ann an [[Càrlabhagh]], [[Eilean Leòdhais]], ach tha i a' fuireach anns an [[Eilean Sgitheanach]] a-nis.
Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt i fhèin ann an agallamh, ‘s e dìreach rudeigin nàdarach a bh’ ann san teaghlach aicese. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis aig [[A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail|a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail]] ann an [[1974]] agus duais aig a’ Phan Celtic Festival ann an [[1978]], <ref>[http://www.allmusic.com/artist/christine-primrose-mn0000104369/biography Artist Biography aig Allmusic.com]</ref> agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd dhen cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an [[Aimearaga a Tuath]], [[Astràilia]], [[Sealan Nuadh]] agus anns an [[Roinn Eòrpa]]. Mar eisimpleir tha i air a bhith aig an [[Smithsonian Folklife Music Festival]] ann an [[Washington, D.C.]] còmhla ri [[Alison Kinnaird]]. A bharrachd air sin, bha i ann an còmhlan-ciùil [[MacTalla]], is bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.
Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt i fhèin ann an agallamh, 's e dìreach rudeigin nàdarrach a bh’ ann san teaghlach aicese. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis aig [[A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail|a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail]] ann an [[1974]] agus duais aig a’ Phan Celtic Festival ann an [[1978]], <ref>[http://www.allmusic.com/artist/christine-primrose-mn0000104369/biography Artist Biography aig Allmusic.com]</ref> agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd dhen cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an [[Aimearaga a Tuath]], [[Astràilia]], [[Sealan Nuadh]] agus anns an [[Roinn Eòrpa]]. Mar eisimpleir tha i air a bhith aig an [[Smithsonian Folklife Music Festival]] ann an [[Washington, D.C.]] còmhla ri [[Alison Kinnaird]]. A bharrachd air sin, bha i ann an còmhlan-ciùil [[MacTalla]], is bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.


San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig, is gabhaidh i pàirt ann an cuirmean-ciùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] bho [[1982]], a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho [[1993]] a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus air na cùrsaichean goirid.
San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig, is gabhaidh i pàirt ann an cuirmean-ciùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] bho [[1982]], a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho [[1993]] a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus air na cùrsaichean goirid.

Mùthadh on 09:00, 25 dhen Chèitean 2016

Christine Primrose

Seinneadair

Christine Primrose

Là breithe 17 an Gearran 1950
Àite breithe Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, Alba
Stoidhle Gàidhealach

Tha Christine Primrose (17 an Gearran 1950 — fhathast beò) na seinneadair Gàidhlig agus tidsear-ciùil. Rugadh i ann an Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis.

Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt i fhèin ann an agallamh, 's e dìreach rudeigin nàdarrach a bh’ ann san teaghlach aicese. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1974 agus duais aig a’ Phan Celtic Festival ann an 1978, [1] agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd dhen cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Aimearaga a Tuath, Astràilia, Sealan Nuadh agus anns an Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir tha i air a bhith aig an Smithsonian Folklife Music Festival ann an Washington, D.C. còmhla ri Alison Kinnaird. A bharrachd air sin, bha i ann an còmhlan-ciùil MacTalla, is bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.

San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig, is gabhaidh i pàirt ann an cuirmean-ciùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig bho 1982, a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho 1993 a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus air na cùrsaichean goirid.

Duaisean

  • Pan Celtic Festival 1978.
  • ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2009.

Clàran

Iomraidhean

  1. Artist Biography aig Allmusic.com