An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Art MacCormaig"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 16: Loidhne 16:


{{DEFAULTSORT:Maccormaig, Art}}
{{DEFAULTSORT:Maccormaig, Art}}
[[Roinn-seòrsa:Seinneadairean]]
[[Roinn-seòrsa:Seinneadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Seinneadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Ceòl]]
[[Roinn-seòrsa:Alba]]

Mùthadh on 22:12, 7 dhen Chèitean 2016

Art MacCormaig a’ seinn aig SMO air 2016-04-21

Tha Art MacCormaig (1965-) (Beurla: Arthur Cormack) ’na sheinneadair Ghàidhlig agus ceòladair bho Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Bha e ’na chathraiche air Bòrd na Gàidhlig bho 2009 (cathraiche eadraiginn bho 2008[1]) gu ruige am Màrt 2012. Tha e air a bhith ’na stiùiriche air Fèisean nan Gàidheal fad iomadh bliadhna. Chaidh urram OBE a bhuaileachadh air ann an Urraman na Callaine 2015 airson a sheirbheisean dha foghlam Gàidhlig.[2]

Rugadh agus thogadh Art ann am Port Rìgh, agus air sgàth ’s gu robh a phiuthair mathar Connie agus a bhrathair mathar Ronnie a’ seinn aig Mòdan, thòisich esan ri seinn cuideachd, agus bhuannaich e am Bonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta nuair a bha e 18. Às dèidh sin, tha e air a bhith a’ nochdadh ann an iomadh consairt agus air TBh ’s rèidio, agus a’ dèanamh mòran chlàir - uaireannan ag obair leis fhèin, uaireannan còmhla ri cuid dhe na seinneadairean agus dhen luchd-ciùil traidiseanta as ainmeile san t-saoghal.

  1. Bòrd na Gàidhlig (fios naidheachd air Riaghaltas na h-Alba, 2008-07-01, air a tharraing 2013-12-13
  2. BBC:Naidheachdan: Urraman na Callainne do Ghàidheil, 2014-12-3, air a tharraing 2015-01-051

Ceanglaichean a-mach