An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Spàinn"
b sèimheachadh |
No edit summary |
||
Loidhne 65: | Loidhne 65: | ||
* [[Ceuta]] agus [[Melilla]] ann an [[Afraga]] a Tuath |
* [[Ceuta]] agus [[Melilla]] ann an [[Afraga]] a Tuath |
||
'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na chànan oifigeil, tha [[Catalanais]], [[Basgais]] is [[Gallego]] co-oifigeil anns na |
'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na chànan oifigeil, tha [[Catalanais]], [[Basgais]] is [[Gallego]] co-oifigeil anns na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh|Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh]]. Ann an [[Val d'Aran]] tha an dual chainnt [[Aranais]] ann, cànan co-oifigeil a tha ceangailte le [[Ogsatanais]]. |
||
==Eachdraidh== |
==Eachdraidh== |
Mùthadh on 12:06, 21 dhen Ghearran 2016
Reino de España Rìoghachd na Spàinne | |
---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
Laoidh Nàiseanta | |
Marcha Real (Spàinntis) "Royal March" | |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
Plus Ultra (Laideann) "Further Beyond" | |
Cànan(an) oifigeil | Spàinntis (Castellano) |
Mion-chànan(an) | Aranese, Bascais, Catalanais is Galician |
Prìomh-bhaile | Madrid |
Baile as motha | Madrid |
Riaghaltas | Monarcachd bhun-reachdail (Deamocrasaidh pàrlamaideach) |
Rìgh | Juan Carlos I |
Prìomh-mhinistear | Mariano Rajoy Brey |
Stèidheachadh | |
Aonadh | 1516 |
de facto | 1716 |
de jure | 1812 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 195,364 km² (51mh) |
Uisge | 1.04 % |
Àireamh-shluaigh (2007) | |
Iomlan | 45,200,737 (28mh) |
Dlùths | 90/km² (106mh) |
LTD/CCC (2007) | |
gach pearsa | $31,471 (26mh) |
Roinn tìde | CET (UTC+1) |
as t-samhradh | CEST (UTC+2) |
Ruith-airgid | Euro (€) |
Prìomh àrainn-lìn | .es |
Còd Àireamh fòn | 34 |
'S e stait anns an Eorpa an Iar a tha anns an Spàinn[1][2][3][4][5][6] neo an Spàinnt.[7] Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing agus le Andorra, san iar leis a’ Phortugal, san ear is sa deas leis a' Mhuir Mheadhanaich agus le Giobraltair. 'S e Rìoghachd ann a th' ann an Spàinn an latha an-diugh, ach tha i air a bhith fo iomadh Cheannardan agus siostaman riaghlaidh eadar-dhealaichte, poblachdan agus deachdairean na measg.
Tha roinnean aig an Spàinn:
- Na h-Eileanan Balearach anns a’ Mhuir Mheadhanaich
- Na h-Eileanan Canàrach anns a’ Chuan Siar
- Ceuta agus Melilla ann an Afraga a Tuath
'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na chànan oifigeil, tha Catalanais, Basgais is Gallego co-oifigeil anns na Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh. Ann an Val d'Aran tha an dual chainnt Aranais ann, cànan co-oifigeil a tha ceangailte le Ogsatanais.
Eachdraidh
Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.
Bailtean mòra
Seo liosta nam bailtean as motha anns an Spàinn:[8]
- Madrid
- Barcelona
- València
- Sevilla
- Zaragoza
- Málaga
- Murcia
- Las Palmas de Gran Canaria
- Bilbao
- Palma de Mallorca
Cruth na tìre
Tha dà fhàsach anns an Spàinn: Bardenas Reales faisg air Nafarroa agus Fàsach Thabernas anns an sgìre Almería.
Ceàrnaidhean poilitigeach
A bharrachd air sin, tha 60 Roinnean anns an dùthaich.
Daoine ainmeil
- B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Machado.
- Rugadh Seòras Santayana a tha aithnichte an diugh mar fheallsanach, bhàrd agus sgrìobhadair ann am Madrid.
- Buannaich José Echegaray y Eizaguirre an Duais Nobel ann an Litreachas anns a’ bhliadhna 1904.
- Valentín González
- Francisco Franco
Faic cuideachd
Iomraidhean
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Edward Dwelly, Illustrated Gaelic-English Dictionary, Birlinn Limited, Dùn Èideann, 2001, ISBN 1841581097
- ↑ Mongabay