An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Huesca"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 25: Loidhne 25:


==Cruinn-eòlas==
==Cruinn-eòlas==
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e [[an t-Iuchar]] a' mhìos as teotha agus 's e [[am Faoilleach]] a' mhìos as fhuaire ann an Huesca.<ref>[http://es.climate-data.org/location/2148/ Climate Data]</ref> Cha tuit ach 476mm de dh'[[uisge]] air a' bhaile fad na [[bliadhna]] - 794mm nas lugha na [[Steòrnabhagh]] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e [[an t-Iuchar]] a' mhìos as teotha agus 's e [[am Faoilleach]] a' mhìos as fhuaire ann an Huesca.<ref>[http://es.climate-data.org/location/886152/ Climate Data]</ref> Cha tuit ach 476mm de dh'[[uisge]] air a' bhaile fad na [[bliadhna]] - 794mm nas lugha na [[Steòrnabhagh]] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

Mùthadh on 23:00, 1 dhen Ghearran 2016

Huesca
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Huesca
Sgìre Aragón
Co-chomharran 42° 08' 24' Tuath
00° 24' 32' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 161.04 km²
Àireamh-shluaigh 52,239 (2009)
Dlùths 324.39/km²
Àireamh fòn + 34 974
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Teruel ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Huesca (IPA: weska). Tha e suidhichte aig 488m os cionn ìre na mara,[1] 380km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 230km bho Bharcelona.[2] Tha 52,239 duine a’ fuireach ann an Huesca.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Huesca a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à Bolsksan ann an Ibearais, air sàilleabh gu bheil an t-ainm a' nochdadh air buinn Ibearach, ach chan eil e soilleir na tha sin a' ciallachadh idir. Chaidh sin atharrachadh gu Osca no Urbs Victrix Osca ann an Laideann às aonais an t-iar-leasachan -skan, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach - b' e atharrachadh mòr a bh' ann. On 8mh Linn a-mach chanadh وشقة (Washqah)[4] ris an àite ann an Arabais agus nochd am foirm ùr a th' againne an latha an-diugh an dèidh nan Arabach: Huesca ann an Spàinntis (le dà-fhoghair an àite fuaimreag: /ɔ/ gu /wo/).[5]

Eachdraidh

Thathar dhen bheachd gun do ràinig na daoine dhan àite seo o chionn 90,000 bliadhna. B' e na Ceilt-ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fadː chanadh Lobetum ris aig an àm.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8] A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ris a' bhaile fhaighinn air ais agus bha batal mòr fuilteach ann mu timcheall a' bhaile eadar 15 an Dùbhlachd 1937 agus 22 an Gearran 1938.[9] Chaill còrr is 140,000 am beatha san chòmhstri agus thug am batal làmh an uachdar dha na Faisistich. Ghèill feachdan an Riaghaltais agus thoisich a' phoblach a' crìonadh.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Huesca.[10] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 794mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:

Iomraidhean

  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Aquesta
  5. Boletín de Filología
  6. Cuevas, Pedro José (2000). «Pobladores». Cuenca. Cuenca: Alfonsípolis
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  10. Climate Data

Ceanglaichean A-mach