An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Santander"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 25: Loidhne 25:


==Daoine Ainmeil==
==Daoine Ainmeil==
*[[Matilde Camus]] ([[1919]] - [[2012]])<ref>[http://www.matildecamus.com/ Matilder Camus]</ref>
*[[Matilde Camus]] ([[1919]] - [[2012]])<ref>[http://www.matildecamus.com/ Matilde Camus]</ref>


==Iomraidhean==
==Iomraidhean==

Mùthadh on 11:40, 29 dhen Dùbhlachd 2015

Santander
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Santander
Sgìre Cantàbria
Co-chomharran 43° 28′ 00″ Tuath
03° 48′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 34.76 km²
Àireamh-shluaigh 177,123 (2014)
Dlùths 5,095.6/km²
Àireamh fòn 93
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile mòr agus port gu math cudromach ann an Cantàbria (An Spàinn) a th' ann an Santander (IPA: santanˈder). Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Shantander fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1248. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e am port, turasachd,na bataichean-aiseig agus gnothaichean ceangailte ris a' mhuir a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 177,123 duine a' fuireach ann. Chan eil eucoir na trioblaid mhòr an seo.[1]

Freumahn an Ainm

'S ann à sanct (naomh) agus Ander (Anndra) ann an seann Spàinntis a tha ainm a' bhaile. Bheireadh sin Cill Anndra neo Baile Anndra dhuinn sa Ghàidhlig an latha an diugh. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Portus Sanctorum Emeterii et Celedonii (Sancti Emetherii > Sancti Emderii > Sanct Endere > San Andero > Santendere > Santanderio > Santander).

Eachdraidh

Thathar air stuth Ròmanach a lorg san àite far an robh port ann, air an robh Portus Victoriae Iuliobrigensium.[2] Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an 1068. Ann an 1158 fhuair Santander a chuid chòirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an 1296 agus 1311 Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1858.[3] Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1937. Chaidh 90,000 saighdear a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhèin agus san sgìre mu timcheall.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. Diario Montañés
  2. Regio Cantabrorum
  3. Alar Santander
  4. Matilde Camus