An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"
b Mearachdan gràmarach am fo-thiotal an deilbh |
|||
Loidhne 53: | Loidhne 53: | ||
Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidheann de [[dual-chainnt|dhual-chainntean]] a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn [[Rìoghachd na h-Alba]]). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin. |
Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidheann de [[dual-chainnt|dhual-chainntean]] a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn [[Rìoghachd na h-Alba]]). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin. |
||
[[Faidhle:Sgurr alasdair.jpg|thumb|left|320px|Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh |
[[Faidhle:Sgurr alasdair.jpg|thumb|left|320px|Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh beinn ann an Alba air a bheil ainm Gaidhlig.]] |
||
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gaidheal an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] an [[1746]]. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an ''[[Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge]]'' (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' dèanamh math do muinntir na Gàidhealtachd. Bhon sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean na Gaidhealtachd]]. |
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gaidheal an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] an [[1746]]. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an ''[[Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge]]'' (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' dèanamh math do muinntir na Gàidhealtachd. Bhon sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean na Gaidhealtachd]]. |
||
Mùthadh on 06:51, 7 dhen Dùbhlachd 2015
Gàidhlig na h-Alba | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | [kaːlɪkʲ] | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
58,552 ann an Alba [1] | |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Alba | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | gd | |
ISO 639-2 | gla | |
ISO 639-3 | gla |
'S i cànan dùthchasach na h-Alba a th' anns a' Ghàidhlig. 'S i ball den teaghlach de chànanan Ceilteach dhen mheur Ghoidhealach a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhealach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann, agus Gàidhlig Mhanainn agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach".
Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba.
Teaghlach Cànain
Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-seann Ghàidhlig a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is trice anns a' Bheurla ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba canar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhàin ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ciall an dara fhacail seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Ghallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin.
'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingeann aice ri Gàidhlig na h-Èireann. Ge-tà, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an dualchas na h-Alba agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air a' Ghaidhealtachd agus ann an Innse Gall.
Eachdraidh
Tòiseachadh
'S e cànan eachdraidheil do chuid mhòr de dh'Alba a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann air na seann Ghàidheal, air an tug na Ròmanaich "Scotti" san Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar "Scotia" no "Scotland" anns a' chànan Ghallta. Chan eilear cinnteach air dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am Breatainn a tuath ach tha fianais ann bho ainmean-àite gun tàinig luchd-àiteachaidh Gàidhealach gu math tràth agus ann am mòr-àireamh do na Rannaibh ann an Gall-Ghàidhealaibh mus robh rìoghachd Dhál Riata air a stèidheachadh timcheall 500 AD. [6]
Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an Dail Riata, mòr-thir cuimseach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh "Alba Ghàidhealach" seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath. Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.
Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'Ulaidh ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh' fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an eaglais Ghaidhealaich air a' chànan, agus i a' sineadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na Gall-Ghaidhealaibh mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan Cruithneach gu tuath an Uisge For agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e Scottis an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla.
San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, Coinneach MacAilpein air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhurtha agus Chluaidh. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm Alba airson na dùthcha air fad.
Crìonadh na Gàidhlig
Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san 11mh linn. Ach nuair a phòs Máel Coluim III (Maol-Chaluim Ceann Mòr) Margaret ann an 1071, b’ i a’ Bheurla cànan a chùirt, agus thòisich crìonadh na Gàidhlig bhon sin. Bha cùisean air an dèanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan malairteach agus le daoine a’ tighinn a-staigh as ùr. Tha e coltach ge-tà gun robh an sluagh fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig gu 1400.
Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho Ghàidhlig na h-Èireann.
Thòisich a' Ghàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn Mì rùn mòr nan Gall agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Gallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den Ghalldachd bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean mar Charraig agus na Ghall-Gaidhealaibh cho fadalach ris an 18mh linn.
Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidheann de dhual-chainntean a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn Rìoghachd na h-Alba). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gaidheal an dèidh Blàr Chuil Lodair an 1746. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' dèanamh math do muinntir na Gàidhealtachd. Bhon sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth Fuadaichean na Gaidhealtachd.
B’ e cùnntas-sluaigh 1891 a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a clàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Ghallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an 1991, cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe.
Cultar
Faic cuideachd Bàird Ghàidhlig, Seachd, Ealain, Ceòl Gàidhlig
Tha beul-aithris agus dualchas litreachais làidir aig a' Ghàidhlig agus i air a cleachdadh mar chànan nam bàrd fad linntean. Tha ceòl tradaiseanta Gàidhealach air fàs nas coileanta bho na 60an, agus tha barrachd is barrachd phàrantan a' togail an cuid cloinne tro mheadhan na Gàidhlig.
Na Meadhanan
Tha stèisean Gàidhlig aig a' BhBC, a sgaoileas cuideachd còmhla ris a' Ghàidhlig Èireannach Raidió na Gaeltachta. Tha prògraman Gàidhlig air an telebhisean air an sgaoileadh leis a' BhBC cuideachd, aig a bheil fo-thiotalan Beurla. Nì STV (pàirt Albannach aig ITV) cuid prògraman Gàidhlig air a shon fhèin agus don BhBC. Tha e comasach do dhaoine le Freeview TeleG fhaighinn, a sgaoileas fad uair a thìde gach feasgar.
Thòisich seanail ùr digiteach, BBC Alba, air 19 An t-Sultain 2008, a tha ri fhaicinn tro Sky agus Freesat. 'S e co-obrachadh eadar BBC Scotland agus MG Alba a th' ann. Tha MG Alba na iomairt ùr air maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba gus sgaoileadh Gàidhlig a bhrosnachadh.
Cànan
Fuaimneachadh
Fuaimreagan
Tha an t-stràc throm aig fuaimreagan na Gàidhlig, leis na litrichean à, è, ì, ò, ù. Tha an t-stràc gheur air uairibh air fhaicinn ann an sgrìobhaidhean, le é agus ó comharraichte, ach am bitheantas, tha stràc throm aig a h-uile fuaimreag.
Litreachadh | Fuaimneachadh | Mar |
---|---|---|
a | [a] | bata |
à | [a:] | bàta |
e | [ɛ], [e] | le, teth |
è, é | [ɛ:], [e:] | sèimh, fhéin |
i | [i], [i:] | sin, ith |
ì | [i:] | mìn |
o | [ɔ], [o] | poca, bog |
ò, ó | [ɔ:], [o:] | pòcaid, mór |
u | [u] | tur |
ù | [u:] | tùr |
Dà-fhoghair
Litreachadh | Fuaimneachadh | Mar |
---|---|---|
ai | [a], [ə], [ɛ], [i] | caileag, iuchair, geamair, dùthaich |
ài | [aː], [ai] | àite, bara-làimhe |
ao(i) | [ɰː], [əi] | caol, gaoil, laoidh |
ea | [ʲa], [e], [ɛ] | geal, deas, bean |
eà | [ʲaː] | ceàrr |
èa | [ɛː] | nèamh |
ei | [e], [ɛ] | eile, ainmeil |
èi | [ɛː] | cèilidh |
éi | [eː] | fhéin |
eo | [ʲɔ] | deoch |
eò(i) | [ʲɔː] | ceòl, feòil |
eu | [eː], [ia] | ceum, feur |
ia | iə, [ia] | biadh, dian |
io | [i], [ᴊũ] | fios, fionn |
ìo | [iː], [iə] | sgrìobh, mìos |
iu | [ᴊu] | piuthar |
iù(i) | [ᴊuː] | diùlt, diùid |
oi | [ɔ], [ɤ] | boireannach, goirid |
òi | [ɔː] | fòill |
ói | [oː] | cóig |
ua(i) | [uə], [ua] | ruadh, uabhasach, duais |
ui | [u], [ɯ], [ui] | muir, uighean, tuinn |
ùi | [uː] | dùin |
Consain
Freumhail | Sèimhichte | ||||
---|---|---|---|---|---|
Litreachadh | Leathann | Caol | Ceart-sgrìobhadh | Leathann | Caol |
b | [p] | [p] | bh | [v] | [v] |
c | [kʰ, xk] | [kʰʲ, çkʲ] | ch | [x] | [ç] |
d | [t] | [ʤ] | dh | [ɣ] | [j] |
f | [f] | [f] | fh | ciùin | ciùin |
g | [k] | [kʲ] | gh | [ɣ] | [j] |
l | [ɫ] | [ʎ] | l | [ɫ] | [l] |
m | [m] | [m] | mh | [v] | [v] |
n | [nɰ] | [ɲ] | n | [n] | [n] |
p | [pʰ, hp] | [pʰ, hp] | ph | [f] | [f] |
r | [r] | [r] | r | [r] | [ɾʲ] |
s | [s] | [ʃ] | sh | [h] | [h] |
t | [tʰ, ht] | [tʃʰ, htʃ] | th | [h] | [h] |
dà-bhileil | bileil-fiaclach | fiaclach | còsagail | for-chòsagail | de bhràighe a' bheòil | na cìche an t-sluagain | |
---|---|---|---|---|---|---|---|
spreadhadh | p, b | t̪, d̪ | k, g | ||||
srònach | m | n | ŋ | ||||
coireall | r | ||||||
bualadh | ɾ | ||||||
suathadh | f, v | s | ʃ | x, ɣ | |||
lìomhachadh | ʧ, ʤ | ||||||
taobhach | l, ɫ | ʎ, j |
Facail Iasadach
Tha dualchas Ceilteach aig a' chuid as motha de dh'fhacail Ghàidhlig. Ach tha mòran fhacal sa chànan bho chainntean eile ris an canar "facail iasadachd". Tha mòran dhiubh a' tighinn bho Laideann (muinntir, Didòmhnaich), seann Ghreugais le buaidh mhòr air an roinn diadhaidh (eaglais, Bìoball bho Ekklesia is Biblos), Lochlannais (eilean, sgèir), Eabhra (Sàbaid, Aba) agus Beurla Gallda (briogais, aidh).
Tha dìth sgioblachaidh air an aiste seo. Feumar a deasachadh gus an ruig i inbhe nas àirde. As dèidh a leasachadh, faodar cur às don teachdaireachd seo. |
Tha oidhirpean ann an cànan ùrachadh tro cruthachadh nua-fhacail a' bheanas ri adhartasan agus atharrachaichean a-rèir teicneòlais agus cùisean eile co-cheangailte ri beatha an latha an-diugh. Ach 's tric a thèid am facal Beurla a ghabhail agus a chur ann an litreachadh na Gàidhlig; mar eisimpleir Telebhisean bho Television ('s e "cian-dealbh" ainm eile sa Ghàidhlig air a shon nach eil cho cumanta), coimpiùtar bho computer (ainmean eile nach tèid cleachdadh: aireamhadair, bocsa-fiosa). Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, is tric a thèid facail na Beurla a chleachdadh le deireadh Gàidhlig (-eadh, no an Leòdhas, -igeadh) mar eisimpleir; "Tha mi a' watcheadh/watchigeadh an telly" (an àite "Tha mi a' coimhead air a' chian-dhealbh").
A' dol san cùrsa eile, tha buaidh air a bhith aig a' Ghàidhlig air a' Bheurla Ghallda agus Beurla gu ìre, gu h-àraidh Beurla na h-Alba. Tha facail iasadach bhon Ghàidhlig gus na cànananan seo mar : whisky (uisge), slogan (sluagh-ghairm), brogue (bròg), agus clan (clann), ben (beinn), glen (gleann) agus loch.
Eadar-Dhealachaidhean le Gàidhlig agus Gaeilge
Eisimpleirean:
Gàidhlig (Leòdhais) - Dè mar a tha thu?
Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?
Gaeilge (Ulaidh) — Caidé mar a tá tú?, no Cad é mar atá tú?
Gaeilge Choitcheann — Conas atá tú?
Gàidhlig - Chan eil airgead agam.
Gaeilge - Níl airgead agam
Gàidhlig na h-Éireann (Gaeilge) : Gàidhlig na h-Alba
Gael : Gàidheal
lá : latha
oíche : oidhche
isteach : a-steach
scoil : sgoil
páiste : pàisde
gan : gun
údarás : ùghdarras
oifig : oifis (air a neo oifig)
oscailte : fosgailte
bliain : bliadhna
raidió : rèidio (gath-cian-sgrìobhach)
rialtas : riaghaltas
parlaimint : pàrlamaid
oileán : eilean
Tùsan
- ↑ CnaG ¦ Census 2001 Scotland: Gaelic speakers by council area
- ↑ "Oifis Iomairtean na Gaidhlig
- ↑ "Language by State - Scottish Gaelic" aig làrach-lìn Modern Language Association, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
- ↑ "Languages Spoken At Home" bho làrach-lìn Riaghaltas Astràilia: Office of Multicultural Interests, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
- ↑ Languages Spoken:Total Responses làrach-lìn staitistearachd Seallainn Nuaidh, a' tarraing air 5 an Lùnasdal 2008
- ↑ Iona, Anna Ritchie, Historic Scotland, 1997, ISBN 0-7134-7856-X; t-d: 29-30
Aistidhean co-cheangailte
- Gràmar na Gàidhlig
- Gàidhealtachd
- Caochlaidhean eadar Gàidhlig agus Gaeilge
- Beurla Ghallda, an sean sheòrsa de Bheurla a bhuineas ri Galldachd Alba.
- Am Mòd, an co-fharpais cheòl Gaidhealach ainmeil
- Gàidhlig meadhan na mara
Ceanglaichean a-muigh
- Pàrlamaid na h-Alba
- BBC Alba
- Alba - Beag air Bheag Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh.
- Comunn na Gàidhlig
- Iomairt Cholm Cille
- Sabhal Mòr Ostaig
- Am Faclair Beag le Dwelly 'na bhroinn
- Faclairean Goidhealach
- Am Baile
- Bòrd na Gàidhlig
- Gàidhlig
- làrach-lìn Oi Polloi Còmhlan punc Gaidhealach
- CLÀR Foillsichear Gàidhlig a rinn co-obrachadh le Oi Polloi
- Leir-chunntas na h-Alba
- Fòram na Gàidhlig Coimhearsnachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig
- AbairThusa Lìon Sòisealta nan Gàidheal
- Tìr nam Blòg Blogaichean sa Ghàidhlig
|