An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 39: Loidhne 39:
== Inbhe a' chànain ==
== Inbhe a' chànain ==


Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain<ref>[http://conventions.coe.int/treaty/Commun/ListeDeclarations.asp?NT=148&CM=1&DF=&CL=ENG&VL=1 European Charter for Regional or Minority Languages]</ref>.
Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain
<ref>[http://edas.landtag.sachsen.de/viewer.aspx?dok_nr=14418&dok_art=Drs&leg_per=5&pos_dok=201 Bericht der deutschen Staatsregierung zur Lage des sorbischen Volkes ]</ref>.


Ann an 1997 chuir a' Ghearmailt a h-ainm ri cùmhnant frèama airson dìon nam mion-shluagh is mion-chanan nàiseanta<ref>[http://edas.landtag.sachsen.de/viewer.aspx?dok_nr=14418&dok_art=Drs&leg_per=5&pos_dok=201 Bericht der deutschen Staatsregierung zur Lage des sorbischen Volkes ]</ref>: A rèir seo
Ann an 1997 chuir a' Ghearmailt a h-ainm ri [[Cumhnant Eòrpach airson Cànan Roinneil no Mion-chànanan]]<ref>[http://conventions.coe.int/treaty/Commun/ListeDeclarations.asp?NT=148&CM=1&DF=&CL=ENG&VL=1 European Charter for Regional or Minority Languages]</ref>: A rèir seo
# Tha na Sorbaich a' buntainn don t-sluagh Ghearmailteach.

1. Na Sorbaich a' buntainn don t-sluagh Ghearmailteach
# Tha na Sorbaich a' fuireach gu tradaiseanta anns a' Ghearmailt.
# Tha iad a' fuireach an seo anns an àite-tuineachaidh seasmhach aca.

# Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.
2. Tha na Sorbaich a' fuireach gu tradaiseanta anns a' Ghearmailt

3. Tha iad a' fuireach an seo anns an àite-tuineachaidh seasmhach aca

4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.




Tha dà chòir ann:
Tha dà chòir ann:
# Achd Sagsannach nan Sòrbach
# Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg


A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.
1. Achd Sagsannach nan Sòrbach

2. Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg

A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.


== Planadh-cànain ==
== Planadh-cànain ==

Mùthadh on 10:32, 18 dhen Ògmhios 2015

Sòrbais (serbšćina)
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

mu 20.000 [1]

Teaghlach-chànan

Indo-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 -
ISO 639-2 wen (teaghlach chànan)
hsb (Sòrbais Uarach)
dsb (Sòrbais Ìosal)
ISO 639-3 hsb (Sòrbais Uarach)
dsb (Sòrbais Iosal)
Roinnean anns a' Ghearmailt, far a bheil Sòrbais ga bruidhinn

Is e cànan Indo-Eòrpach a tha ann an Sòrbais. Serbšćina sa chànan fhèin. Air neo, gus a bhith nas cirte, ’s e cruinneachadh a th’ ann de dà chànan sgrìobhte a tha dlùth ri chèile agus iomadh dualchainnt. Buinnidh i don roinn Shlàbhach den theaghlach Indo-Eòrpach. Ainmean eile a b’àbhaist a bhith oirre b’iad Wendish no Lusatian sa Bheurla, Wendisch sa Ghearmailtis. Tha an t-Sòrbais ga bruidhinn sna stàitean Brandenburg agus Sagsainn den Ghearmailt, faisg air a chrìch ris a’ Phòlainn agus ris an t-Seic.

An Cànan

Tha dà chànan ann: Sòrbais Uarach (hornjoserbšćina, Beurla: Upper Sorbian) agus Sòrbais Ìosal (dolnoserbšćina, Beurla: Lower Sorbian). Tha an t-Sòrbais Uarach ga bruidhinn ann an Sagsainn le timcheall air 13,300 duine agus tha an t-Sòrbais Ìosal ga bruidhinn ann am Brandenburg le timcheall air 6,670 duine. Canar Lusatia sa Bheurla/Ladainn (Łužica san t-Sòrbais Uarach, Łužyca san t-Sòrbais Ìosal, Lausitz sa Ghearmailtis) ris an sgìre far a bheil an dà chànan gam bruidhinn. Tha an t-Sòrbais dlùth-chàirdeach don t-Seacais, don t-Slòbhacais agus don Phòlainnis ach anns an là an-diugh tha buaidh làidir aig a' Ghearmailtis oirre cuideachd. Nochd an t-Sòrbais a’ chiad turas mar chànan anns an litreachas anns an t-siathamh Linn.

Eachdraidh a' chànain

'S e sluagh slàbhach an Iar a th' ann na Sorbaich, sluagh gun dùthaich neo stàit aige fhèin. Anns an siathamh linn, thàinig na sinnsearan de na Sòrbaich dhan Ghearmailt, dhan sgìre taobh an ear an dà abhainn Elbe agus Saale.Thug iad an t-ainm Lausitz dhan sgìre. Ged a bha 20 geug eadar-dhealaichte aig an t-sluagh, cha robh ach na Lusici agus na Milzener comasach thairis air na linntean, air am fein-aithne a ghlèideadh. Thàinig tuathanaich eile bho fhead na dùthcha, gu h-àraidh na Sagsannaich, na Flannraich, Tùiringaich agus na Frangan. Thairis air na linntean dh'fheuch cha mhòr gach riaghaltas ri bacadh a chur air Sòrbais. Anns an treas linn deug, bha Sòrbais toirmisgte anns na bailtean mòra agus chaidh riaghailtean a stèidheachadh taobh a-staigh nan comainn-cheàrd gum bu chòir dhan Ghearmailtis a bhith aig na daoine nan robh iad ag iarradh obair. Bhon t-seachdamh linn deug a-mach, bha leasachadh an aghaidh na Sòrbais ri fhaicinn cuideachd oir bhathar den bheachd gun robh Sòrbais coltach ri mion-chànanan eile cunnartach agus bhathar ag iarraidh Ìmpireachd na Gearmailt a dhìon. Co-dhiù, dh'fhàs àireamh de na Sòrbaich agus bha a bharrachd ach dà cheud mìle duine a' bruidhinn na Sòrbais mar chànan màthaireil. Air sgàth 's gun robh Sòrbais aig a' mhòrchuid ann an Lusatia, bha tionndadh gluasad cànain ri fhaicinn anns an naoidheamh linn deug agus bha na daoine moiteil às an canan. Ach aig an aon àm, chaidh còirichean an aghaidh na Sòrbais a stèidheachadh leis a' Phruis. Thòisich na pàipearean-naidheachd air crìonadh agus bha Sòrbais toirmisgte anns na sgoiltean. Eadar 1921-1945 bha Sòrbais gu tur toirmisgte agus chaidh Sòrbaich a b' àirde inbhe a phrìosanachadh. Às dèidh an darna cògaidh bha Lusatia na phàirt den raon Sovietach agus bhon àm sin, fhuair na Sòrbaich taic airson an cànan a chleachdadh anns na roinnean poblach. Às dèidh 1989 chaidh còirichean a stèidheachadh airson Sòrbais a dhìon.

Foghlam

Tha còir aig gach pàiste air foghlam tro mheadhan na Sòrbais fhaighinn an dòchas gun tig a h-uile sgoilear gu fileantachd phragtaigeach anns an dà chànan, Sòrbais agus a' Ghearmailtis. A bharrachd air sin thèid Sòrbais a thoirt seachad mar chuspair fa leth aig bun-sgoiltean eile. Thèid Sòrbais a theagasg aig ceithir àrd-sgoiltean agus tha dà sgoil-chòmhnaidh ann cuideachd ann an Cottbus agus ann am Bautzen. A bharrachd air sin thèid ceòl tradaiseanta, bàrdachd agus dannsa tradaisenta a thoirt seachad airson cultar nan Sòrbach a neartachadh. Chaidh coimeas a dhèanamh eadar sgoiltean gun Sòrbais agus feadhainn le Sòrbais agus fhuaireadh a-mach gun robh an aon ìre aig na sgoiltean neo bha na sgoilearan na b' fheàrr aig a bheil Sòrbais.

Inbhe a' chànain

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain [2].

Ann an 1997 chuir a' Ghearmailt a h-ainm ri Cumhnant Eòrpach airson Cànan Roinneil no Mion-chànanan[3]: A rèir seo

  1. Tha na Sorbaich a' buntainn don t-sluagh Ghearmailteach.
  2. Tha na Sorbaich a' fuireach gu tradaiseanta anns a' Ghearmailt.
  3. Tha iad a' fuireach an seo anns an àite-tuineachaidh seasmhach aca.
  4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.


Tha dà chòir ann:

  1. Achd Sagsannach nan Sòrbach
  2. Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg

A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.

Planadh-cànain

Tha an saor-stàit Sagsainn air planadh-cànain airson na Sòrbais a stèidheachadh[4]. Thathar den bheachd gu bheil e cudromach gum bi foghlam dà-chànanach a leasachadh ann an Lausitz agus thathar ag iarraidh tuilleadh luchd-teagaisg ann an Lausitz airson dèanamh cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Sòrbais ga thoirt seachad san àm ri teachd. Thathar ag iarradh gum bi clasaichean-oidhche airson inbhich a' ruith. Bidh e cudromach gum bi an Sòrbais faicsinneach air na bailtean air fad. Anns a' cho-theagsa seo chaidh soidhnichean-rathaid a chur suas mar-thà, agus bidh tuilleadh a' leantainn. A bharrachd air sin bu chòir dhon teicneolas ùr eadar-theangachaidhean a toirt seachad. Thathar ag iarraidh gun tèid na Sòrbaich a bhrosnachadh airson an cànan aca a chleachdadh agus bheirear taic do dh'fhoillsichearan, do thaighean-tasgaidh ùra a nì cultar, eachdraidh is ceòl faicsinneach.


'S e teis-meadhan beatha cultarach Sòrbais Uarach a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. An seo tha Ionad na Sòrbais (Sorbisches Institut - Serbski institut) suidhichte, a tha a’ dèanamh rannsachadh mun eachdraidh, chultar agus chànan Sòrbais.

Tha Cottbus (Chóśebuz) na teas-mheadhan den chànain Sòrbais Ìosal.

Tha Sòrbais ga bruidhinn cuideachd ann an sgìre bheag ann an Lee County, Texas.

Tha cuid ainmean anns a' Ghearmailt an Ear a' tighinn à Sorbais, m.e.:

Eisimpleir

Seo eisimpleir le Sòrbais agus Gàidhlig a tha a' sealltainn an diofair eadar Sòrbais Uarach is Sòrbais Ìosal:

Gàidhlig Sòrbais Uarach Sòrbais Ìosal
Halò! Witaj! Witaj!
Madainn mhath! Dobre ranje! Dobre zajtšo!
Latha math! Dobry dźeń! Dobry źeń!
Feasgar math! Dobry wječor! Dobry wjacor!
Oidhche math! Dobru nóc! Dobru noc!
Tha mi à ... Ja sym z ... Ja som z ...
Ciamar a tha sibh? Kak so wam wjedźe/dźe? Kak se wam źo?
Ciamar a tha thu? Kak so ći dźe? Kak se śi źo?
Tha gu math, tapadh leibh/leat. Dźakuju so, wjedźe/dźe so mi derje. Źěkuju se, źo se mě.
Tha i brèagha an-diugh, nach eil? Rjane wjedro dźensa, něwěrno? Rědne wjedro źinsa, nic ga?
mas e do thoil/ur toil e prošu pšosym
tapadh leat/leibh dźakuju so źěkuju se
A bheil sibh a’ bruidhinn Sorbais? Rěčiće serbsce? Powědaśo serbski?
Càite am b’ urrainn dhomh… a cheannachd? Hdźe móžu ... kupić? Źo mogu ... kupiś?
Cia mheud a tha ...a’ cosg? Kelko płaći ...? Wjele płaśi ...?
Càite am b’ urrainn dhomh cupa cofaidh òl? Hdźe móžu šalku kofeja pić? Źo mogu tasku kafeja piś?
Slàinte! K strowosći! Na Wašo strowje!
Slàn leat! Božemje! Na zasejwiźenje!
Tìoraidh! Měj so rjenje! Měj se derje!

Dealbhan

Iomradh

  1. Ethnologue
  2. Bericht der deutschen Staatsregierung zur Lage des sorbischen Volkes
  3. European Charter for Regional or Minority Languages
  4. Maßnahmeplan

Ceanglaichean a-mach