An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Iain Frangan Caimbeul"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 24: Loidhne 24:
*[http://www.islayinfo.com/john_francis_campbell.html A Short Biography of John Francis Campbell]
*[http://www.islayinfo.com/john_francis_campbell.html A Short Biography of John Francis Campbell]
*[http://www.scottishrepublicansocialistmovement.org/Pages/SRSMArticlesJohnFrancisCampbellTheFolkHeroofCelticScotland.aspx An Article on John Francis Campbell's Life]
*[http://www.scottishrepublicansocialistmovement.org/Pages/SRSMArticlesJohnFrancisCampbellTheFolkHeroofCelticScotland.aspx An Article on John Francis Campbell's Life]

==Faic cuideachd ==
* [[Leigheas Cas Ó Céin]]

[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Sgoilearan na Gàidhlig]]

Mùthadh on 05:22, 14 dhen Ògmhios 2015

Ìomhaigh Iain Òg Ìle

B' e sgoilear beul-aithris a bh' ann an Iain Frangan Caimbeul no Iain Òg Ìle (Beurla: John Francis Campbell) (Dùn Èideann, 29 Dùbhlachd 1821 – Cannes, 17 Gearran 1885). Is esan a dheasaich na leabhraichean ainmeil 'Sgeulachdan Gaidhleach' no Popular Tales of the West Highlands (1860-62). Bha e na bhàiristear, àrd-sheirbheiseach catharra, chùirtear, innleachdair agus neach-siubhail. Bha e air leth mair air cànain ionnsachadh agus a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig, bha Danmhairgis, Nirribhis, Suainis, Gearmailtis, Eadailtis, Spàinntis agus Sàmais aig Iain Frangan Caimbeul.

Na Caimbeulaich ann an Ìle

Carragh-cuimhne Iain, Beul an Àtha, Ìle

Ann an 1726, cheannaich fear Daniel Caimbeul Ìle agus rè 120 bliadhna, bha na Shawfield Campbells nan tighearnan ann an Ìle.[1] Bha athair Iain, Walter Frederick Campbell, a chuir air bhonn bailtean ann an Ìle: chaidh Port Ellen stèidheachadh ann an 1821 agus chaidh am baile ainmeachadh air a bhean, Eleanor, nighean 8mh Iarla Wemyss. Chaidh Port Charlotte stèidheachadh ann an 1829, agus chaidh am baile ainmeachadh air a mhàthair, Charlotte. Lean dà bhaile eile: Kiells (1829) agus Port Wemyss (1833). Nuair a rugadh e, bha Iain Frangan na thighearna dualach Ìle, ach dh'fheumadh a athair Ìle reic nuair a bha e air briseadh, ach bha Iain fhèin glè mheasail air Ìle co-dhiù.[1]

Beatha

Rugadh Iain Frangan Caimbeul ann an Dùn Èideann. Chaidh e dhan sgoil aig a' cholaiste Eton agus an uair sin don Oilthigh Dhùn Èideann. B' àbhaist dha a bhith a' siubhal gu tric. Eadar 1860 is 1880, bha e na chùirtear aig lios rìoghail bànrigh Victoria, aig Windsor agus aig Osborne House. Chaochail e anns An Fhraing ann air 17mh latha an Gearrain ann an Cannes, agus chaidh a thìodhlachadh ann an Cannes cuideachd.

Sgrìobhaidhean

Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 Casey, Dan. "John Francis Campbell." Islay Info. Nochd an aiste anns an iris Ìleach an toiseach.

Ceanglaichean a-muigh

Faic cuideachd