An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Straiton"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Removing "Straiton_collage.png", it has been deleted from Commons by JuTa because: No source since 23 April 2015.
No edit summary
Loidhne 5: Loidhne 5:
| LÙIREACH_LEUD = 100
| LÙIREACH_LEUD = 100
| MAPA = Straiton ann an Siorrachd Air a Deas.jpg
| MAPA = Straiton ann an Siorrachd Air a Deas.jpg
| DEALBH =
| DEALBH = Straiton_Village_Hall.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Scotland.svg |22px]] [[Alba]]
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Scotland.svg |22px]] [[Alba]]
| CEÀRN = [[Siorrachd Àir]]
| CEÀRN = [[Siorrachd Àir]]

Mùthadh on 02:52, 3 dhen Chèitean 2015

Straiton

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Siorrachd Àir
Sgìre Siorrachd Àir a Deas
Co-chomharran 55° 18' 41' Tuath
04° 33' 05' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 211.8[1] km²
Àireamh fòn +44 (0)1655
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile beag agus Parraist faisg air Cille Mhìcheil agus A' Mhagh Bhaoghail[2] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Straiton. Tha e suidhichte ri taobh na Aibhne Gharbhain anns an Siorrachd Àir a Deas aig 155m os cionn ìre na mara,[3] 19km bho Inbhir Àir, 66km bho Ghlaschu, 54km bhon An t-Sròn Reamhar agus 112km bho Dhùn Èideann.[4] ' S ann à Srath anns a' Ghàidhlig agus ton (Baile) anns a' Beurla a tha an t-ainm.

Eachdraidh

Chaidh eaglais a chlàradh an seo ri linn Alasdair II[5] ged a stèidheachadh am baile ann an 1760 le Tòmas Ceannadach, Iarla Cassilis mar bhaile-oighreachd[6] ged a chaidh na taighean a chithear an latha an-diugh a thogail ann an 1900 le Sir Eideard Hunter Blàr: 's e dìreach am mansa (taigh Traboyack),[7] an taigh-seinnse agus taigh a' ghobhainn a tha air fhàgail bhon na chaidh a thogail anns an 18mh Linn.[8] Rinneadh atharraidhean air an eaglais ann an 1758 agus ann an 1901.[9] Tha an t-oighreachd Blairquhan an broinn na paraist: chaidh caisteal a thogail ann an 1346 agus lùchairt ann an 1820.[10] Tha carragh-chuimhne anabarrach mòr gu Seumas Hunter Blàr à Blairquhan, a chaill a bheatha aig Cath Inkerman ann an 1854, air mullach Creag nan Gobhar, air an àirde an ear a' bhaile.[11] A-rèir carragh-chuimhne san Talla a' Bhaile, fhuair 93 duine à Torthorwald bàs sa Chogadh Mòr[12] agus 35 eile san Dàrna Cogadh.

An-diugh

Tha bun-sgoil bheag ann an Straiton ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.[13] Chaidh am film The Match fhilmeadh an seo ann an 1999. Chleachd an taigh-òsta agus taigh eile.[14] Tha muinntir a' bhaile a' ruith na bùtha agus Talla a' Bhaile Mhic Chundlis ann an co-oibreachadh. 'S e turasachd agus coilltearachd a tha aige cridhe eaconomaidh a' bhaile. 'S e àite fa leth math airson coiseachd agus rothaireachd. Thathar a' ruith rèis gach Lùnasdal bhon a' bhaile shuas dhan charragh-chuimhne os cionn Creag nan Gobhar.[15]

Iomraidhean

  1. Scottish Places
  2. Maybole
  3. Falling Rain
  4. Luft Linie
  5. History of the Counties of Ayr & Wigton Scotland: Carrick, James Paterson, Dùn Èideann, 1864
  6. Genuki
  7. Canmore
  8. Maybole
  9. Eaglais na h-Alba
  10. Blairquahan
  11. Genuki
  12. Scottish War Memorials Project
  13. Bun-sgoil Straiton
  14. Glasgow Herald
  15. Scottish Hill Racing