An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "LCDT"

O Uicipeid
Content deleted Content added
→‎Tar-ghnèitheach: {{Commonscat|LGBT}}
b →‎Tar-ghnèitheach: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|en}} (2) using AWB (10903)
Loidhne 20: Loidhne 20:
[[Roinn-seòrsa:LCDT]]
[[Roinn-seòrsa:LCDT]]
[[Roinn-seòrsa:Gnè]]
[[Roinn-seòrsa:Gnè]]

{{Link GA|en}}
{{Link GA|es}}

Mùthadh on 15:21, 24 dhen Ghiblean 2015

'S e geàrr-ainm a th' ann an LCDT a tha a' toirt iomradh air na faclan Leasbach, Co-ghnèitheach, Dà-ghnèitheach agus Tar-ghnèitheach.

Co-sheòrsach

Mar a trice bidh daoine a' cur am facal co-sheòrsach ri fir aig a bheil miann air luchd na gnè ceudna. Ach tha co-sheòrsach a' toirt iomradh air a' choimhearsnachd LCDT air fad. 'S mar sin tha co-sheòrsach nas coltaiche ri Gay anns a' Bheurla a bhios a' toirt a-steach leasbaich, dà-ghnèithich agus tar-ghnèithich.

Leasbach

Tha am facal Leasbach a' toirt iomradh air boireannaich co-sheòrsach neo boireannaich aig a bheil miann air boireannaich eile. Tha leasbach a' ciallachadh Lesbian anns a' Bheurla.

Co-ghnèitheach

Tha am facal Co-ghnèitheach a' toirt iomradh air fir co-sheòrsach neo fir aig a bheil miann air fir eile. Anns a' Bheurla bhiodh co-ghnèitheach a' ciallachadh a homosexual/gay man.

Dà-ghnèitheach

Tha am facal Dà-ghnèitheach a' toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air boireannaich agus fir. Dh'fhaodadh miann nas làidire a bhith aca ri aon taobh neo ris an taobh eile ach feumaidh miann a bhith aca ris an dithis. Tha Dà-ghnèitheach a' ciallachadh Bisexual anns a' Bheurla.

Tar-ghnèitheach

Tha am facal Tar-ghnèitheach a' toirt iomradh air cuideigin a tha air an gnè aca atharrachadh. Mar eisimpleir cuideigin a bha boireann nuair a rugadh iad ach a tha a-nis fireann. Tha Tar-ghnèitheach a' ciallachadh Transgender anns a' Bheurla.

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: